Bha seachdain gle thrang!
Rinn mi coinneamh comhla ri mo dhotair trath madainn Diluain agud fhuair mi prescriptions airson mo phalsy. As deidh sin, rinn mi lethbhreacain mo thaisbeanadh aig an taigh airson coinneamh bhliadnail aig Meetup Gaidhlig Ghlaschu aig 2f san Leanag. Tha mi toilichte ag radh gun robh coinneamh math agus tha sgioba stiuireadh ur is deonach againn.
Chaidh mi dhan Ionad Spors ann an Pollag airson coinneamh comhla ri neach-spors aig Glasgow Club. Tha plana exercise agam fhathast airson 6 miosan. An uair sin, chaidh mi dhan coinneamh san Leanag a bhruidhinn mu dheidheinn SMWGlaschu (Social Media Week Glasgow - 19-23 September) comhla ri Iomairt Gaidhlig Ghlaschu is riochadairean aig MG Alba. Bha coinneamh math le deagh smaoinan.
Cha cuimhne agam an-drasta de a thacairt Diciadain, ach Diardaoin bha mi aig mo 'weigh-in' agus tha am phase A agam gu crioch. Toidichidh mi air an darna phase an ath mhios.
Bha mi ag obair Dihaoine air duilleagan is larach-lin aig Glasgow's GaelicMeetup.
Chuir mi air doigh mo luggage Disathairne is Diadomhnaich airson siubhal gu Steornabhagh Diluain. Rinn mi beagan obair-taigh cuideachd!
No comments:
Post a Comment