Tuesday 13 September 2011

Seachdain nam Meadhanan Soisealta Ghlaschu agus mi-fhein!

Tha mi ag obair air proiseact ur aig Meetup Gaidhlig Ghlaschu airson Seachdain nam Meadhanan ann an Glaschu. Rinn mi bileag oidhche Dhomhnaich, rinn mi larach-lin airson an tachartasan a-raoir, agus reic mi aite son sanasan air am bileag againn an-diugh. Chaidh mi dhan choinneamh aig Taigh-osda Earra-Ghaidheal le Bobby agus an uair sin le Laurie aig Sutherlands a bhruidhinn mu dheidheinn ar cuirm-ciuil Sing-Up an ath Dhiamairt. Tha coinneamh eile agam a-maireach le Leona bho Fheis nam Meadhanan Cheilteach airson beagan comhairle air camarathan, etc airson livestreaming agus feumaidh mi na bileagan fhoillseachadh. Agus tha coinneamh eile oidhche Ardaoin! Tha mi a' dol a bhi gu math trang...

Seachdain nam Meadhanan Soisealta - Meetup Gaidhlig Ghlaschu - Tachartasan

Social Media Week Glasgow

No comments:

Post a Comment