Bha buidheann thar-phartaidh air Gaidhlig ann aig Parlamaid na h-Alba agus bha mi ann ag eisteachd. Ro-laimh, ghabh mi cuppa cofaidh le Anna, Marc is Coinneach.
Anns a' choinneamh bha Carole Henderson bho Gaelic Discrimination ann agus thug i taisbeanachd air taic dhaibhsan le 'feumalachdan sonraichte' ann an co-theacsa Foghlam Tron Meadhanan Ghaidhlig. Bha an taisbeanadh aice gle inntineach agus sgriobhaidh am buidheann do ministairean agus buird slainte a thaobh a trioblaid. Bidh pios air An La agus an naidheachdan Gaidhlig a-maireach, gun teagamh. Seo dealbh de Carole aig a' Pharlamaid ri-taobh craobh na Nollaig.
Rinn Iain Macleoid, An Comunn Gaidhealach, taisbeanadh cuideachd air "Gaidhlig sna h-Eileanan an Iar". Tha beachdan inntineach cuideachd. Tha e airson cleachdadh na Gaidhlig air feadh na h-Eileanan an Iar ann an coinneamhean poblach agus bu toil le iad faicinn mar aite UNESCO.
Bha mi toilichte gun robh moran Gaidhlig a' cleachdadh aig a coinneamh seo agus bha serbheis ann airson eadar-theangadhadh mar aon airson duine gun (moran) Gaidhlig.
As deidh an coinneamh, bha mi a` bruidhinn ri Carole agus a parantan a bha ann cuideachd a thoirt taic do Charole.
No comments:
Post a Comment