Showing posts with label bàrdachd. Show all posts
Showing posts with label bàrdachd. Show all posts

Thursday, 4 October 2012

Brochan 's Lite 's Mi!

Brochan no Lite
Nuair a bha mi aig bracaist, bha sinn a' bruidhinn air mar cha toil leam brochan le salainn. Thuirt caraid gur e rud Sassanaich a bh' ann! 'S fhèarr leam am brochan agam gu math milis no gu naddurach. Am feasgar seo, bha mi a' leughadh an leabhar ùr agam le bàrdachd a thug mi airson mo cho-là breith seachdain air ais: "These Islands We Sing", deas. le Caomhainn MacNèil; agus leugh mi an dàn seo le Anna Frater (d.210):

Lit' Gun Shalainn

Sgian dubh 'na stocainn
agus Beurla na bheul
moladh lit' sa mhadainn
's e cur muesli na bhòbhl;
'Chan fhaighear nas fhèarr na 'n t-uisge-beatha.'
Ach 's e Martini bhios e 'g òl...
nach ann truagh a tha'n cluaran
le boladh an ròis!

Cha do mholadh mi am brochan an seo no uisge-beatha - 's fhèarr leam leann! Dearbhadh fhèin gu bheil mi nam Albannaich!

Sunday, 10 June 2012

An urrainn dhut gam cuideachadh?


An urrainn dhut gam cuideachadh?

Tha mi ro thrang –
Tha mi ‘g obair.

Tha mi duilich!
Nis – mach a-seo!

O mo chreach!
Dè?

Chan eil mi gad chreidsinn –
Chan eil mi ach aon duine!

Dè? Murt!
Chan eil thu gam thuigsinn idir.

Tha feum agam air tìde –  
Air àm airson R&R.

Tha feum agam air telebhisean –
Air irisean mun celebrities!

Tha feum agam air deoch aig an taigh –
Botal fìon no tri gach seachdain.

Chan eil m’obair furasta –
’S e obair stressful a th’ ann.

Bheil thu gam thuigsinn a-nis?
Och! Dè eile?

Eist: I have no time for Gaelic!
Idir!

Nis, Mach a seo!
Thalla!

SU 10.06.2012, Glaschu