Tuesday, 9 July 2013

'S fhada bhon uairsin! #PDConf, Là Twitter #Gàidhlig, agus Gàidhlig ann an Iapan!

Cha do sgrìobh mi blog an seo airson greis, ach bha mi a' sgrìobhadh airson blogaichean eile.

Sgrìobh mi am pìos seo airson Pàrlamaid na h-Alba mu dheidhinn an tadhail agam gu Sruighlea airson #PDConf, agus thòisich mi obair air blogaichean ùr aig Social Media Alba.

An seachdain sa chaidh, chur mi air bhog Là Twitter - latha sonraichte airson a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig a cruinneachdadh fon taga hais #Gàighlig le dùil agus dòchas bum bi #Gàidhlig a' treandadh air a' chiad latha dhen Òg-mhìos. Seo an sgeulachd chun an latha an-diugh air Storify.

Agus an-diugh, bha mi toilichte a leughadh gun d'rinn neach-leantainn am blog seo blog aige-fhèin o chionn an Dàmhair 2011! Cha robh fios agam mun dheidhinn roimhe seo - ach taing do Jayne NicLeòid cò sgrìobhadh post air Facebook an-diugh. A rèir Blogger, tha Tacaesi à Tòcèo ann an Iapan agus tha esan na phiòbair agus sgrìobhadair ag ionnsachadh Gàidhlig. Tha e a' sgrìobhadh air cuispearan Iapanach sa Ghàidhlig. Seo am blog aige: http://gaelic-japan.blogspot.co.uk/ Tha e fìor mhath is fiosraichail!

Chunnaic mi seo air blog eile aige:

1 comment:

  1. Hài a Sheumais,

    Mòran taing airson an aithne a chur a chèile mo bhloga. Cha do sgriobh mi sin fada mìosan ach tha mi a' gealladh gum bi mi a' sgriobh rudeigin air gu tric.

    Tha mi ag ionnsachadh Gàidhlig fhathast.

    Deagh dhùrachs,

    Tacaesi

    ReplyDelete