An urrainn dhut
gam cuideachadh?
Tha mi ro thrang –
Tha mi ‘g obair.
Tha mi duilich!
Nis – mach a-seo!
O mo chreach!
Dè?
Chan eil mi gad chreidsinn –
Chan eil mi ach aon duine!
Dè? Murt!
Chan eil thu gam thuigsinn idir.
Tha feum agam air tìde –
Air àm airson R&R.
Tha feum agam air telebhisean –
Air irisean mun celebrities!
Tha feum agam air deoch aig an taigh –
Botal fìon no tri gach seachdain.
Chan eil m’obair furasta –
’S e obair stressful a th’ ann.
Bheil thu gam thuigsinn a-nis?
Och! Dè eile?
Eist: I have no time for Gaelic!
Idir!
Nis, Mach a seo!
Thalla!
SU 10.06.2012, Glaschu
No comments:
Post a Comment