Showing posts with label Gaelic policy. Show all posts
Showing posts with label Gaelic policy. Show all posts

Thursday, 11 October 2012

Cà bheil Gàidhlig aig a' Mhòid Nàiseanta Rioghail 2012 ann an Dùn Omhain?


 Chunnaic mi ceist air Facebook sa mhadainn a dh'fhaighneachd mi an-uiridh aig àm na Mòd ann an Steòrnabhagh agus chuir mi e a-mach a-rithist an-diugh:

Have you seen the logo for the Royal National Mòd in Dunoon 2012? Am faca tu an dealbh airson a' Mhòid Nàiseanta Rioghail ann an Dùn Omhain 2012?

Chan eil ach 2 duine ga faicinn! Agus thuirt tè eile: "Chunnaic mi an Logo. Ciamar a litrich tu 'Earra Gaidheal' a-rithist?" Freagairt mi: "Le a sràc?" Agus thug mi freagairt air ais nach robh 'h' ann cuideachd! Faic seo:
"Earra Ghaideal" an àite "Earra Ghàidheal"
Ach as-dèidh sin, lorg mi airson làrach-lìn. Agus tha fear ann! Cha b' urrainn dhomh tuigsinn carson nach eil obair a chuir an làrach-lìn air adhart. Ach an uair sin, bha mi nam bheachd-sa nach robh e rud dona air sgàth nach robh ach aon duilleag sa Ghàidhlig air an làrach-lìn. Chleachd an comataidh buidheann gun eòlas ann an làrach-lìn da-chànanach. 'S fheudar dhomh faighneachd carson!
Mar buail, sgrìobh mi Tweet agus sgrìobh mi post-dealain chun an rùnaire. Rinn mi lethbhreac na ceistean do Bhòrd na Gàidhlig cuideachd airson am beachd aca-san cuideachd. Tha mi a' feitheamh an-drasda airson freagairtean air ais.

Chuir mi drannd air Twitter

Is it good enough to have only 1 page of on the DunoonMòd2012 official site? Comments to the secretary

Litir don a' Mhòid 


A charaid chòir,

Chunnaic mi an làrach-lìn agaibh an-diugh airson a' chiad thuras agus tha mi mi-thoilichte leis.

cha robh ach aon duilleag ann an Gàidhlig, agus nach eil e soilleir gu bheil e ann. 'S e dìreach ceangal a th' ann!

Thagh sibh "Pam Forsyth Web Design" a dhèanamh an làrach-lìn agaibh. Thug mi sùil air an cùram-roinne aig am buidheann seo, agus chan fhaca mi aon làrach-lìn a bha ann an Gàidhlig no a bha dèante ann an dòigh da-chànanach.


  1. Carson a rogh sibh am buidheann seo o chionn buidheann aig a bheil Gàidhlig?
  2. Carson nach robh làrach-lìn da-chànanach pàirt na cùmhnant eadar sibhse agus "Pam Forsyth Web Design"?
  3. Nach eil poileasaidh dà-chànanach no poileasaidh Gàidhlig aig Dunoon Mod 2012?
  4. A bheil ùidh aig Dunoon Mod 2012 a chur Gàidhlig air adhart no a bheil ùidh ann dìreach a' chùmail a' dol a' Mhòd ann an dòigh Beurla?
Tha mi a' gabhail sùil air adhart airson freagairt bhuatsa.

Le deagh dhùrachdan,

Seumaidh


Tuesday, 6 March 2012

GHA is Gàidhlig - Pàirt a dhà!

A rèir litir a fhuair mi ann an Dùbhlachd, 's urrainn do luchd-gabhaltais aig Corporaid Taigheadais Ghlaschu (GHA) Gàidhlig chleachdadh mar phàirt an sgèama Happy to Translate. Chan eil poileasaidh Gàidhlig sonraichte aca ge-tà.


Litir do GHA (10.12.2011)

"I would like for you and your own Board Members to consider implementing a Gaelic policy in your organisation. How your initial policy is worded or what aims it has are totally at your discretion; I just feel it is important when planning future strategies for your organisation that you are in a position to spare a thought to how the Gaelic language can play a part in your operations."

Freagairt bho GHA (21.12.2011)

"We are members of Happy to Translate which is an initiative set up to enable tenants and customers of public organisations to communicate either through interpretation or translation as appropriate. We have in place a procedure whereby we have immediate access to a network of interpreters for the required languages. As such it is not our intention at this time to implement a Gaelic specific policy."

Saturday, 10 December 2011

GHA is Gàidhlig - Siuthad fhèin!

Bha mi toilichte a ghahhail pàirt ann an adhartachadh de Glasgow Gold [Glaschu Òir] aig GHA (Glasgow Housing Association) [Corporaid Taigheadais Ghlaschu] ann an Damhair am-bliadhna-seo.
A rèir làrach-lìn aig Corporaid Taigheadais Ghlaschu cha robh Gàidhlig aig an eagrachas seo mus do sgrìobh i an t-alt. Air 10.12.11, lorg mi neoini innteart fo 'Gàidhlig' agus 4 innteartan fo 'Gaelic':
  1. 21.06.11 - GHA Press [pìos air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu]
  2. 02.11.11 - Tenants go for Gold with GHA [“As they say in Gaelic, moran taing airson ur cuideachaidh – many thanks for your help!”]
  3. 28.02.11 - The Census [“For the first time, householders will be able to fill in their census questionnaire online in English or Gaelic.”]
  4. 10.2011 - The Key, October 2011 [studying Gaelic at Glasgow University, benefited from a Glasgow Gold. Education grant. He said: “I get a 10-week travel pass through Glasgow Gold. ...]

Aig an àm a tha an làthair, tha mi an dòchas gu bheil seo deagh chùl-taic a thoisich cleachdadh na Gàidhlig ann an Corporaid Taigheadais Ghlaschu.


An-diugh, sgrìobh mi litir do Bòrd aig Corporaid Taigheadais Ghlaschu a dh'iarr air a chruthachadh poileasaidh Gàidhlig. Tha fiughair orm ris an fhreagairt aca.