Friday 9 March 2012

Deagh Oidhche aig Cuirm nan Duaisean FilmG 2012

Tha mi air an t-slighe dhachaigh air sgath gu bheil mi ag obair anns a' mhadainn ach bha tachartas math ann an Glaschu aig an Old Fruitmarket.

Chord riumsa am film aig Sgioba Drama Uibhist - A' Pharlamaid agus tha mi toilichte gum bhuannaich iad duais a-nochd.

Bha duil agam air duais son film aig Alison Lang ach cha robh duais sam bith ann. 'S e film uabhasach math is eachdrail a bh' ann.

Cha robh mi-fhein builleach cinnteach mu dheidheinn am film a bhuannaich 3 no 4 duaisean airson co-fharpais FilmG. Bha seorsa film am faic thu aig Feis nam Meadhanan Ceilteach aig ire nas airde. 'S e film math a th' ann ge-ta.

Anns na dealbhain: mi-fhein, Graeme is Lindsay aig Coinneachadh (Meetup) Ghaidhlig Ghlaschu, Jack a' cho-stiuireadh am film agam fhein agus mo mhathair is sheanmhathair. Bha mi airson a thoirt cothrom gu mo theaghleach bho Lios MoChuda oir nam bheachdsa 's e cudromach a tha fios aca beagan air an t- saoghal Ghaidhlig gu h-araid air sgath gu bheil mi ag obair anns an roinn seo.





No comments:

Post a Comment