Sunday, 23 December 2012

Leabhraichean-d Gàidhlig

Ìmpireachd (Scottish Gaelic) By: Iain F. MacLeòid
luchdachaidh a-nuas
Bha mi airson leabhraichean ùr leughadh air mo thablaid an-uiridh. Dh'fheitheamh mi 14 mìosan gus cheannaich mi a' chiad leabhar-d agam. B' urrainn dhomh sin dhèanamh aig www.kobobooks.com agus cheannaich mi Ìmpireachd, an leabhar a leugh mi an-uiridh aig oilthigh, ach 's e leabhar fìor mhath a th' ann, nam bheachdsa. Tha leabhraichean-d Gàidhlig eile cuideachd aig Kobo Books.

luchdachaidh a-nuas
luchdachaidh a-nuas
luchdachaidh a-nuas
luchdachaidh a-nuas

'S e leabhar Ùr-Sgeul a th' ann an Ìmpireachd. Chuala mi aig co-labhairt gun deach pròiseact Ùr-sgeul a dùnadh am-bliadhna, agus a rèir Fòram na Gàidhlig, chaidh an làrach aig Ùr-Sgeul a dùnadh ann an 2011. Gu mì-fhortanach airson cuid ùghdaran, cha bhi gach leabhar a' tighinn a-mach mar leabhar-d a rèir na cùmhnantan aca. Ach chan eil e neo-chomasach a chur gach leabhar bho sreath Ùr-Sgeul air loidhne.  Bu choir Comhairle nan Leabharichean a bhith ag obair leis na ùghdaran airson sin a dhèanamh is leabhraichean-d a dhèanamh.



San Damhair 2011, Rinn mi am film seo. Bha mi a' gearain air Facebook mu dheaidhinn dìth na leabhraichean-d ann an Gàidhlig. Sgrìobh mi: 



Why is it I can buy a book that's over 100 years old really easily from the Internet, and I can't buy a modern book - that I need to read for my degree - anywhere in the world? Why aren't Gaelic books available to download to my Kindle? Get it sorted!!!

'S toil ·  ·  · Co-roinn · Edit · 18 October 2011

Ma bhios Oilthigh Ghlaschu a' cleachdadh "An Oidhche Mus Do Sheol Sinn" an ath bhliadhna, am bi an leabhar seo ri làimh?


'e-book' air 'An Seotal'

Mìneachadh ann an An Seotal airson 'e-book' - www.anseotal.org.uk


Wednesday, 12 December 2012

Na gabh dragh oirbh mu nam Meadhanan Sòisealta! Tweet is bi glic!


Na gabh dragh oirbh mu nam Meadhanan Sòisealta! Tweet is bi glic!

Tha Twitter agus Facebook a' sìor fhàs bitheanta, ach chan eil mòran daoine iad cleachdadh sa Ghàidhlig. Thug Seumaidh Uallas (@SeumasUallas), eòlaiche nam Meadhanan Sòisealta is oileanach ann an conaltradh aig Sabhal Mòr Ostaig, beachd air nan adhbharan agus thug e fuasglaidhean a chur air adhart. Seo am pìos aige:
Dh’ ionnsaich mi puing inntinneach nuair a ghabh  mi a' chathair aig pannail deasbaid Gàidhlig aig Seachdain nam Meadhanan Sòisealta ann an Glaschu san t-Sultain. Dh’ ionnsaich mi gu bheil eagal air daoine Gàidhlig a sgrìobhadh air sgàth nach robh tòrr misneachd aca ga dhèanamh, ach a rèir a’ phannail bha droch Gàidhlig nas fhèarr seach gun a bhith a’ cleachdadh cleachdadh Gàidhlig sam bith. Tha mise a’ smaointinn gum bi sin na dheagh thòiseachadh.

Bha mi a’ dèanamh beagan rannsachaidh air an eadar-lion, agus a rèir alt a lorg mi bho cheangal air Fòram na Gàidhlig, tha luchd-saidheans a’ creidsinn  gum bi Facebook, YouTube is teacs a’ dol a shàbhaladh cànanan ann an cunnart. Bha mi a’ smaointinn, uill, ’s docha, ach cha dèan sin a’ chuis mur a h-eil mòran dhaoine aig a bheil Gàidhlig a’ cleachdadh a’ chànain. Bu thoil leam a ràdh, gu bheil a’ mhòr-chuid de  dhaoine ga cleachdadh ann an Gàidhlig nan luchd-ionnsachaidh. Tha mi-fhèin a’ cleachdadh Gàidhlig leis nam meadhanan sòisealta nuair a tha mi a’ sgrìobhadh pìos airson mo bhlog, ag obair air mo dhuilleagan air Facebook no air mo chunntasan Twitter. Tha mi a’ faicinn gach latha cunntasan Twitter is Facebook le ainmean Gàidhlig a’ cleachdadh Beurla a-mhàin - fiù ’s nuair a tha fios agam gu bheil Gàidhlig aca. Mar sin, tha e coltach gu bheil trioblaid fhathast aig buidhnean  is daoine aig a bheil Gàidhlig sin a dhèanamh.

Nam bheachdsa, ’s e dragh a th’ ann leis an dearbh-aithne aca; agus tha adhbhar agam airson sin a ràdh. Nuair a bha mi ann an coinneamh o chionn goirid le tè òg a tha ag obair sna meadhanan Gàidhlig thuirt i gu bheil meadhanan mar Twitter is Facebook rud beag Sasannach agus gum bu chòir dhuinn an cleachdadh ann am Beurla. Chuir sin dragh orm. Tha nam Meadhanan Sòisealta math airson Gàidhlig a chleachdadh anns a’ chiad dol a-mach. Mar sin, tha e cinnteach gu bheil feum ann an-dràsta airson foghlam ann an conaltradh (foillseachadh) a dhèanamh air nam Meadhanan Sòisealta. Tha am foghlam sin a’ tòiseachadh co-dhiù. Thoisich e aig Seachdain nam Meadhanan Sòisealta, agus an dèidh sin aig Pàrlamaid na h-Alba far an robh nam meadhanan sòisealta airson Gàidhlig  air beachdaichidh aig fòram neo-fhoirmeil a chaidh a  chur air dòigh leis an t-seirbheis Ghàidhlig an sin.

A thaobh cleachdadh nam Meadhanan Sòisealta airson Gàidhlig a bhrosnachadh tha deagh eisimpleir làithreach ann. Tha mi a’ leantainn an còmhradh eadar Artair MacCarmaig (@artmaccarmaig) is Edinburgh Evening News (@scotsmanpaper) air Facebook is Twitter - tha gach litir air  fhoillseachadh air loidhne mar pdf.[1] Tha Artair a’ sgrìobhadh litrichean an aghaidh litir aig John Gibson a bha air foillseachadh air an darna latha dhen Dàmhair agus bu thoil leis leisgeul bhon paipear naidheachd.[2] 

Leugh mi gu bheil gearain bho sgrìobhadairean aig an Scotsman oir tha Artair a’ cleachdadh nam Meadhanan Sòisealta. Ach thuirt Artair: “I am doing so [a’ foillseachadh na litrichean air loidhne] because, unlike John Gibson, I do not have access to a, seemingly unfettered, column in a newspaper and it is important that prejudices are aired.”; agus tha mi ag aontachadh leis. Anns an eisimpleir seo, ’s urrainn dhuinn fhaicinn air a’ chiad taobh gu bheil e comasach a chleachdadh nam meadhanan traidiseanta [pàipearan naidheachd] claon-bhreithean a sgaoileadh a thaobh Gàidhlig; agus air an darna thaobh, tha e follaiseach gu bheil nam meadhanan sòisealta feumail airson beachdan ceart a sgaoileadh, agus gu bheil Twitter is Facebook ag obair glè mhath còmhla ris na meadhanan traidiseanta mar litrichean.

Tha mi a’ tuigsinn gu bheil na meadhanan sòisealta ag obair an comain leis na dòighean traidiseanta; agus gu bheil na dòighean traidiseanta air an  cleachdadh gu bitheanta le daoine aig a bheil Gàidhlig. Tha mi a’ tuigsinn cuideachd nach tig ri càil dòighean ùra mar nam Meadhanan Sòisealta ann an Gàidhlig aig an àm seo. Ach bu thoil leam rudeigin a dhèanamh a chuidich leis an adhartais dhen chleachdadh nam Meadhanan Sòisealta ann an Gàidhlig. Bhiodh e math airson aonadan fhoghlaim sna meadhanan sòisealta is blogging (blogachadh) fhaicinn gu h-àraidh air cùrsa Gàidhlig is Conaltradh aig Sabhal Mòr Ostaig air sgàth nach eil fòcas aig a' chùrsa seo air dòighean tradiseanta. Tha mi an dòchas gum biodh a' cholaiste fosgailte don bheachd seo.



[Seo am pìos a sgrìobh mi airson measadh ann an clas Craoladh is Foillseachadh mar phàirt dhen cùrsa Gàidhlig is Conaltradh aig SMO]

Wednesday, 28 November 2012

Latha na Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba - Fòram mu dheidhinn teicneòlas agus na meadhanan sòisealta ann an Gàidhlig

Chòrd an Latha Ghàidhlig rium ann an Dùn Èideann am feasgar seo aig Pàrlamaid na h-Alba. Thoisich an latha agam le fòram mu dheidhinn teicneòlas agus na meadhanan sòisealta ann an Gàidhlig.

Seachdain nam Meadhanan Sòisealta Ghlaschu 2012

Bha an tachartas 'na chois pannail deasbaid aig Seachdain nam Meadhanan Sòisealta am bliadhna a chuir mi air dòigh san t-Sultain far an robh deasbad air cleachdadh na Gàidhlig, feum airson Apps ann an Gàidhlig, leabhraichean-dealain, Blogging agus cleachdadh na Meadhanan Sòisealta ann an sgoiltean.


A rèir oifigear leasachaidh Gàidhlig:
Tha an latha seo ag amas air buidhnean poblach agus buidnean Gàidhlig. 'S e amas an latha a bhith a' co-roinn deagh chleachdadh agus a bhith a' coimhead air dòighean gus Gàidhlig a chur air adhart tro na meadhanan sòisealta agus tro bhathar bog.
Thug Michael Bauer (@AkerbeltzAlba), ceannard Akerbeltz, taisbeanadh inntinneach air a' chuspair "Tha Gàidhlig air a' choimpiutair agad". Bha seo cothrom fiosrachaidh air na tha ri làimh a thaobh bathar-bog na Gàidhlig a chur air adhart tro na meadhanan sòisealta agus tro bhathar bog - airson liosta faic iGaidhlig.

As dèidh sin, thug Alison Lang (@AlisonLang), bull a' bhùird aig Clì Gàidhlig, taisbeanadh air LearnGaelic.net as leth Clì Gàidhlig. 'S e goireas air-loidhne nàiseanta airson luchd-ionnsachaidh a th' ann an LearnGaelic.net.

An uair sin, thug Alasdair (seirbheis Ghàidhlig) is Linda (seirbheis fiosrachaidh) bhon a' Phàrlamaid taisbeanadh a thaobh chleachdadh na Gàidhlig sna meadhanan sòisealta agus na leasanan a dh'ionnsaich sinn bhom blog Gàidhlig agus air na h-inbhirean Twitter Gàidhlig is Beurla aca gu ruige seo (@ParlAlba is @ScotParl).

An dèidh na taisbeanaidhean, chaidh sinn timcheall a' bhùird. Ann am bùithtean-obrach a' coimhead air dòighean gus Gàidhlig a chur air adhart tro na meadhanan sòisealta, bhruidhinn sinn air ceistean mar brosnachadh luchd-ionnsachaidh, a' toirt air daoine le Gàidhlig a bhith ga cleachdadh sna meadhanan sòisealta, agus a' togail inbhe na Gàidhlig am measg luchd na Beurla tro na meadhanan sòisealta.


Chaidh mi chun a' choinneamh de Bhuidheann Thar-Phartaidh na Gàidhlig às dèidh am fòram seo agus an uair sin chaidh mi chun a deasbaid Gàidhlig BT Alba. 'S e a chuirt dheireannach a bh' ann dhen cho-fharpais eadar Sgoil MhicNeacail is Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich. Tha Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich air Deasbad BT Alba 2012 a bhuannachadh agus is e seo a’ chiad turas a tha an sgoil air na cuairtean deireannach a ruighinn. Dhearbh Eòghann Peutan agus Breigha Mhoireasdain gur e iadsan a bha airidh air a’ phrìomh dhuais. 'S math a rinn iad.

Air an rathad air ais dhan cholaiste, bha mi a' suidhe air an trèana leis an tidsear - Ruba - dhen sgioba seo agus thuirt i dhomhsa a ràdh 'hàlo' gu Meg Bateman, a caraid. Bha an sgioba fhathast air bhioran - agus bha sinn a' bruidhinn sa Gàidhlig fad an turas suas gu Inbhir Nis! Bha siud math.

Sgrìobh Pàrlamaid na h-Alba pìos sa bhlog aice mun latha cuideachd.

Le Seumaidh Uallas (@SeumasUallas)

Tuesday, 27 November 2012

Bhuannaich sinn Farpais-Cheist Taigh Seinnse Glaschu


Abair oidhche!

Bhuannaich an sgioba agam farpais-cheist taigh seinnse aig Taigh Òsta na Pairce ann an Glaschu a-nochd! Meal ar naidheachd: Fearchar, Ciaran is Lily! Ghabh mi drama Talisker ga chomharraich!

Bidh an ath cho fharpais Oidhche Mhàirt 18mh Dùbhlachd aig 7:30f. Tha e a cosg £2 gach neach a bhith an sàs agus tha duaisean ann airson an sgioba anns a’ chiad agus an dàrna àite. Tha barrachd air fiosrachaidh aig làrach-lìn Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu.

Taigh-òsta na Pàirce, 1194-1202 Sràid Earra-Ghàidheal, Glaschu, G3 8TE


Friday, 23 November 2012

Siubhal is 'Traveline' na h-Alba

Bha mi a' cleachdadh 'Journey Planner' aig Traveline Scotland an-diugh le ainmean-àite ann an Gàidhlig! Tha Apps ann airson iPhone, Android, Windows Phone agus BlackBerry. Tha mi a' faighinn Journey Planner glè fheumail.

Farpais Cheist Taigh Seinnse ann an Lios Mochuda


Bha mi a' cluich ann an sgioba le trì buill eile aig farpais-cheist taigh seinnse 'SNP' ann an Lios Mochuda ach bhuannaich sgioba bho mheur eile! Co-dhiù, bhuannaich mise dà dhuais sa Raffle! Deagh cheartachadh airson University Challenge!


Thursday, 15 November 2012

Co-labhairt: "Ath bheothachadh Choimhearsnachd tro Chultair"


Talla Stafainn – 
Diardaoin, 15mh an t-Samhain 2012 – 9.30m to 4.00f

Bha mi ann an Stafainn airson co-labhairt air cultar mar so-mhaoin na Coimhearsnachd (ath-bheòthachadh Coimhearsnachd tro Chultar) far an robh mòran dhaoine a' bruidhinn air cuspairean inntinneach, deasbad agus còmhradh timcheall a' bhùird. Bha mi a' riochdachadh na 2200+ luchd-leantainn aig Scottish.Gaelic - an duilleag Facebook agam. Bu thoil leam mòran taing a ràdh ri Janni, Oifigear na Gàidhlig, airson lioft ann. Seo an cunntas as ùir agam air a‟ cho-labhairt ann an Stafainn a sgrìobh mi air an duilleig agam (www.facebook.com/Scottish.Gaelic):

“'S e rathad gu math fada a bh' ann gu Stafainn bho Armadal ach às dèidh Port Rìgh tha an rathad glè bhrèagha gu h-àraidh ann an sgìre Thròndairnis.

Dh'ionnsaich mi air cnapan-starra ann an sgìrean is coimhearsnachdan ionadail ann an Alba a thaobh cultair, cànain is dualchais; agus bhruidhinn sinn mu dheidhinn chothroman turasach is eaconamach aig a' choinneimh. Tha mi cinnteach gum bi an tachartas seo glè fheumail dhomh san àm ri teachd. Rinn mi deagh cheangalan cuideachd agus chuala mi taisbeanaidhean inntinneach.

Thug an tachartas seo brosnachadh dhomh oir rinn sinn e tron Ghàidhlig le eadar-theangachadh mar aon ann am Beurla. Cha do dh‟fhaighnich duine sam bith mus do thòisich a' choinneamh airson cead airson Gàidhlig a chleachdadh. Bha dìreach taghadh ann Gàidhlig no Beurla a chleachdadh agus dh'obraich sin glè mhath. Bhruidhinn a h-uile duine aig a bheil Gàidhlig sa Ghàidhlig le tòrr misneachd agus bha mi glè thoilichte sin fhaicinn. Tha mi a' smaointinn gur e a' chiad uair a thachair sin a rèir nam beachdan aig na daoine eile an sin. Bha mi toilichte gun d' fhuair mi an cothrom seo a bhi an sàs anns an fhòram seo”.

(Chaidh sin air fhoillseachadh ann an Sgrìobag, cuairt litir inntearnail aig Sabhal Mòr Ostaig o chionn goirid air 23.11.2012.)