Seachdain nam Meadhanan Sòisealta Ghlaschu 2012 |
Bha an tachartas 'na chois pannail deasbaid aig Seachdain nam Meadhanan Sòisealta am bliadhna a chuir mi air dòigh san t-Sultain far an robh deasbad air cleachdadh na Gàidhlig, feum airson Apps ann an Gàidhlig, leabhraichean-dealain, Blogging agus cleachdadh na Meadhanan Sòisealta ann an sgoiltean.
A rèir oifigear leasachaidh Gàidhlig:
Tha an latha seo ag amas air buidhnean poblach agus buidnean Gàidhlig. 'S e amas an latha a bhith a' co-roinn deagh chleachdadh agus a bhith a' coimhead air dòighean gus Gàidhlig a chur air adhart tro na meadhanan sòisealta agus tro bhathar bog.Thug Michael Bauer (@AkerbeltzAlba), ceannard Akerbeltz, taisbeanadh inntinneach air a' chuspair "Tha Gàidhlig air a' choimpiutair agad". Bha seo cothrom fiosrachaidh air na tha ri làimh a thaobh bathar-bog na Gàidhlig a chur air adhart tro na meadhanan sòisealta agus tro bhathar bog - airson liosta faic iGaidhlig.
As dèidh sin, thug Alison Lang (@AlisonLang), bull a' bhùird aig Clì Gàidhlig, taisbeanadh air LearnGaelic.net as leth Clì Gàidhlig. 'S e goireas air-loidhne nàiseanta airson luchd-ionnsachaidh a th' ann an LearnGaelic.net.
An uair sin, thug Alasdair (seirbheis Ghàidhlig) is Linda (seirbheis fiosrachaidh) bhon a' Phàrlamaid taisbeanadh a thaobh chleachdadh na Gàidhlig sna meadhanan sòisealta agus na leasanan a dh'ionnsaich sinn bhom blog Gàidhlig agus air na h-inbhirean Twitter Gàidhlig is Beurla aca gu ruige seo (@ParlAlba is @ScotParl).
An dèidh na taisbeanaidhean, chaidh sinn timcheall a' bhùird. Ann am bùithtean-obrach a' coimhead air dòighean gus Gàidhlig a chur air adhart tro na meadhanan sòisealta, bhruidhinn sinn air ceistean mar brosnachadh luchd-ionnsachaidh, a' toirt air daoine le Gàidhlig a bhith ga cleachdadh sna meadhanan sòisealta, agus a' togail inbhe na Gàidhlig am measg luchd na Beurla tro na meadhanan sòisealta.
Chaidh mi chun a' choinneamh de Bhuidheann Thar-Phartaidh na Gàidhlig às dèidh am fòram seo agus an uair sin chaidh mi chun a deasbaid Gàidhlig BT Alba. 'S e a chuirt dheireannach a bh' ann dhen cho-fharpais eadar Sgoil MhicNeacail is Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich. Tha Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich air Deasbad BT Alba 2012 a bhuannachadh agus is e seo a’ chiad turas a tha an sgoil air na cuairtean deireannach a ruighinn. Dhearbh Eòghann Peutan agus Breigha Mhoireasdain gur e iadsan a bha airidh air a’ phrìomh dhuais. 'S math a rinn iad.
Air an rathad air ais dhan cholaiste, bha mi a' suidhe air an trèana leis an tidsear - Ruba - dhen sgioba seo agus thuirt i dhomhsa a ràdh 'hàlo' gu Meg Bateman, a caraid. Bha an sgioba fhathast air bhioran - agus bha sinn a' bruidhinn sa Gàidhlig fad an turas suas gu Inbhir Nis! Bha siud math.
Le Seumaidh Uallas (@SeumasUallas)
Cum suil air https://twitter.com/Tirnamblog
ReplyDeleteagus www.tirnamblog.com
agus Tir nam Blog air facebook
Seadh caran seann fhaiseanta ach tha Tir nam Blog air a bhith a' dol bho 2005 a-mach
Math fhèin, taing a Ghraisg :)
DeleteTha seo glè fheumach air leasachadh, faic http://iolairelochtreig.blogspot.co.uk
ReplyDeleteMòran taing Neil. An e blog ùr a th' ann an Gilleasbuig Aotrom?
Delete'S e - cola-deug a dh'aois!
DeleteTapadh leat airson iomradh a thoirt air an latha Gàidhlig @ParlAlba a Sheumaidh. Ni mi RT air an tweet agad mu dheidhinn an-diugh. Moran taing. Alasdair
ReplyDeleteAbair mìorbhail a bhith agam air ais agus feumaidh mi an fhianais mhòr seo a cho-roinn ... tha mi dìreach airson taing a thoirt don Dr.Wealthy airson ùine a ghabhail gus mo chuideachadh a ’tilgeil an gheasaibh a tha {a-nis an duine agam}, a chaill ùidh annam gu h-obann às deidh sia mìosan de ghealladh, ach an-diugh tha sinn pòsta agus tha sinn nas toilichte na cha robh mi a-riamh roimhe, tha mi gu math gann de dh ’fhaclan agus de thoileachas, agus chan eil fhios agam dè an luach a tha mi a’ sealltainn dhut. Dr.Wealthy you are a God air a chuir air falbh gus càirdeas briste a thoirt air ais. tha e a ’còrdadh gu mòr ri bhith a’ cuideachadh dhaoine le bhith a ’coileanadh an ana-miannan, a’ lorg fìor ghràdh, a ’faighinn an cuid leannanan air ais, a’ stad dàimhean ana-cainteach, a ’lorg soirbheachas, a’ tàladh sonas, a ’lorg companaich anam agus barrachd, cuir fios thuige an-diugh. agus leig leis sealltainn dhut iongantasan agus iongnadh an t-Siostam Litreachaidh Gràidh aige. Bidh e a ’lìbhrigeadh thoraidhean aig a’ char as fheàrr ann an tilgeadh litreachaidh fìor, cuir post-d thuige airson cuideachadh air wealthylovespell@gmail.com no faodaidh tu cuideachd fios a chuir thuige air +2348105150446.
ReplyDelete