Wednesday 28 November 2012

Latha na Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba - Fòram mu dheidhinn teicneòlas agus na meadhanan sòisealta ann an Gàidhlig

Chòrd an Latha Ghàidhlig rium ann an Dùn Èideann am feasgar seo aig Pàrlamaid na h-Alba. Thoisich an latha agam le fòram mu dheidhinn teicneòlas agus na meadhanan sòisealta ann an Gàidhlig.

Seachdain nam Meadhanan Sòisealta Ghlaschu 2012

Bha an tachartas 'na chois pannail deasbaid aig Seachdain nam Meadhanan Sòisealta am bliadhna a chuir mi air dòigh san t-Sultain far an robh deasbad air cleachdadh na Gàidhlig, feum airson Apps ann an Gàidhlig, leabhraichean-dealain, Blogging agus cleachdadh na Meadhanan Sòisealta ann an sgoiltean.


A rèir oifigear leasachaidh Gàidhlig:
Tha an latha seo ag amas air buidhnean poblach agus buidnean Gàidhlig. 'S e amas an latha a bhith a' co-roinn deagh chleachdadh agus a bhith a' coimhead air dòighean gus Gàidhlig a chur air adhart tro na meadhanan sòisealta agus tro bhathar bog.
Thug Michael Bauer (@AkerbeltzAlba), ceannard Akerbeltz, taisbeanadh inntinneach air a' chuspair "Tha Gàidhlig air a' choimpiutair agad". Bha seo cothrom fiosrachaidh air na tha ri làimh a thaobh bathar-bog na Gàidhlig a chur air adhart tro na meadhanan sòisealta agus tro bhathar bog - airson liosta faic iGaidhlig.

As dèidh sin, thug Alison Lang (@AlisonLang), bull a' bhùird aig Clì Gàidhlig, taisbeanadh air LearnGaelic.net as leth Clì Gàidhlig. 'S e goireas air-loidhne nàiseanta airson luchd-ionnsachaidh a th' ann an LearnGaelic.net.

An uair sin, thug Alasdair (seirbheis Ghàidhlig) is Linda (seirbheis fiosrachaidh) bhon a' Phàrlamaid taisbeanadh a thaobh chleachdadh na Gàidhlig sna meadhanan sòisealta agus na leasanan a dh'ionnsaich sinn bhom blog Gàidhlig agus air na h-inbhirean Twitter Gàidhlig is Beurla aca gu ruige seo (@ParlAlba is @ScotParl).

An dèidh na taisbeanaidhean, chaidh sinn timcheall a' bhùird. Ann am bùithtean-obrach a' coimhead air dòighean gus Gàidhlig a chur air adhart tro na meadhanan sòisealta, bhruidhinn sinn air ceistean mar brosnachadh luchd-ionnsachaidh, a' toirt air daoine le Gàidhlig a bhith ga cleachdadh sna meadhanan sòisealta, agus a' togail inbhe na Gàidhlig am measg luchd na Beurla tro na meadhanan sòisealta.


Chaidh mi chun a' choinneamh de Bhuidheann Thar-Phartaidh na Gàidhlig às dèidh am fòram seo agus an uair sin chaidh mi chun a deasbaid Gàidhlig BT Alba. 'S e a chuirt dheireannach a bh' ann dhen cho-fharpais eadar Sgoil MhicNeacail is Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich. Tha Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich air Deasbad BT Alba 2012 a bhuannachadh agus is e seo a’ chiad turas a tha an sgoil air na cuairtean deireannach a ruighinn. Dhearbh Eòghann Peutan agus Breigha Mhoireasdain gur e iadsan a bha airidh air a’ phrìomh dhuais. 'S math a rinn iad.

Air an rathad air ais dhan cholaiste, bha mi a' suidhe air an trèana leis an tidsear - Ruba - dhen sgioba seo agus thuirt i dhomhsa a ràdh 'hàlo' gu Meg Bateman, a caraid. Bha an sgioba fhathast air bhioran - agus bha sinn a' bruidhinn sa Gàidhlig fad an turas suas gu Inbhir Nis! Bha siud math.

Sgrìobh Pàrlamaid na h-Alba pìos sa bhlog aice mun latha cuideachd.

Le Seumaidh Uallas (@SeumasUallas)

7 comments:

  1. Cum suil air https://twitter.com/Tirnamblog
    agus www.tirnamblog.com
    agus Tir nam Blog air facebook

    Seadh caran seann fhaiseanta ach tha Tir nam Blog air a bhith a' dol bho 2005 a-mach

    ReplyDelete
  2. Tha seo glè fheumach air leasachadh, faic http://iolairelochtreig.blogspot.co.uk

    ReplyDelete
    Replies
    1. Mòran taing Neil. An e blog ùr a th' ann an Gilleasbuig Aotrom?

      Delete
    2. 'S e - cola-deug a dh'aois!

      Delete
  3. Tapadh leat airson iomradh a thoirt air an latha Gàidhlig @ParlAlba a Sheumaidh. Ni mi RT air an tweet agad mu dheidhinn an-diugh. Moran taing. Alasdair

    ReplyDelete
  4. Abair mìorbhail a bhith agam air ais agus feumaidh mi an fhianais mhòr seo a cho-roinn ... tha mi dìreach airson taing a thoirt don Dr.Wealthy airson ùine a ghabhail gus mo chuideachadh a ’tilgeil an gheasaibh a tha {a-nis an duine agam}, a chaill ùidh annam gu h-obann às deidh sia mìosan de ghealladh, ach an-diugh tha sinn pòsta agus tha sinn nas toilichte na cha robh mi a-riamh roimhe, tha mi gu math gann de dh ’fhaclan agus de thoileachas, agus chan eil fhios agam dè an luach a tha mi a’ sealltainn dhut. Dr.Wealthy you are a God air a chuir air falbh gus càirdeas briste a thoirt air ais. tha e a ’còrdadh gu mòr ri bhith a’ cuideachadh dhaoine le bhith a ’coileanadh an ana-miannan, a’ lorg fìor ghràdh, a ’faighinn an cuid leannanan air ais, a’ stad dàimhean ana-cainteach, a ’lorg soirbheachas, a’ tàladh sonas, a ’lorg companaich anam agus barrachd, cuir fios thuige an-diugh. agus leig leis sealltainn dhut iongantasan agus iongnadh an t-Siostam Litreachaidh Gràidh aige. Bidh e a ’lìbhrigeadh thoraidhean aig a’ char as fheàrr ann an tilgeadh litreachaidh fìor, cuir post-d thuige airson cuideachadh air wealthylovespell@gmail.com no faodaidh tu cuideachd fios a chuir thuige air +2348105150446.

    ReplyDelete