Sunday 23 December 2012

Leabhraichean-d Gàidhlig

Ìmpireachd (Scottish Gaelic) By: Iain F. MacLeòid
luchdachaidh a-nuas
Bha mi airson leabhraichean ùr leughadh air mo thablaid an-uiridh. Dh'fheitheamh mi 14 mìosan gus cheannaich mi a' chiad leabhar-d agam. B' urrainn dhomh sin dhèanamh aig www.kobobooks.com agus cheannaich mi Ìmpireachd, an leabhar a leugh mi an-uiridh aig oilthigh, ach 's e leabhar fìor mhath a th' ann, nam bheachdsa. Tha leabhraichean-d Gàidhlig eile cuideachd aig Kobo Books.

luchdachaidh a-nuas
luchdachaidh a-nuas
luchdachaidh a-nuas
luchdachaidh a-nuas

'S e leabhar Ùr-Sgeul a th' ann an Ìmpireachd. Chuala mi aig co-labhairt gun deach pròiseact Ùr-sgeul a dùnadh am-bliadhna, agus a rèir Fòram na Gàidhlig, chaidh an làrach aig Ùr-Sgeul a dùnadh ann an 2011. Gu mì-fhortanach airson cuid ùghdaran, cha bhi gach leabhar a' tighinn a-mach mar leabhar-d a rèir na cùmhnantan aca. Ach chan eil e neo-chomasach a chur gach leabhar bho sreath Ùr-Sgeul air loidhne.  Bu choir Comhairle nan Leabharichean a bhith ag obair leis na ùghdaran airson sin a dhèanamh is leabhraichean-d a dhèanamh.



San Damhair 2011, Rinn mi am film seo. Bha mi a' gearain air Facebook mu dheaidhinn dìth na leabhraichean-d ann an Gàidhlig. Sgrìobh mi: 



Why is it I can buy a book that's over 100 years old really easily from the Internet, and I can't buy a modern book - that I need to read for my degree - anywhere in the world? Why aren't Gaelic books available to download to my Kindle? Get it sorted!!!

'S toil ·  ·  · Co-roinn · Edit · 18 October 2011

Ma bhios Oilthigh Ghlaschu a' cleachdadh "An Oidhche Mus Do Sheol Sinn" an ath bhliadhna, am bi an leabhar seo ri làimh?


'e-book' air 'An Seotal'

Mìneachadh ann an An Seotal airson 'e-book' - www.anseotal.org.uk


3 comments:

  1. Hi A Sheumais a charaid

    Deagh naidheachd (tha sinn an dochas?). Theid a h-uile leabhar Ur-Sgeul a chur ann an cruth diodsatach - ma tha na h-ughdaran fhein ga iarraidh agus deonach - eadar seo agus deireadh 2014 (ma cheadaicheas an uine dhuinn!). Tha sinn air toiseachadh. Bidh sinn a' cur fios gu na h-ughdaran. Tha sin a' ciallachadh gu faod corr is 30 nobhail agus cruinneachadh de sgeulachdan goirid a bhith ann, an uine nach bi ro fhada, ma theid leinn. Bidh CLAR a' deanamh sin agus cumaidh sinn fiosrachadh riut.

    Cuideachd, theid Air Cuan Dubh Drilseach le Tim Armstrong (foillsichte le CLAR) a dheanamh mar leabhar didsiotach cuideachd, nas fhaide air a' bhliadhna seo.

    Leis gach deagh dhurachd,

    CLAR
    @clargaidhlig

    ReplyDelete
    Replies
    1. Halò @clargaidhlig,

      Taing mhòr son fhreagairt seo!

      'S e deagh naidheachd dhà riribh. Tha mi an dòchas gum bi na h-ughdaran deònach sin a dhèanamh.

      A thaobh leabhraichean ficsean saidheansail , gu pearsanta, chan eil mi-fhèin buileach cinnteach air an gnè-sgrìobhaidh sin...ann an cànan sam bith, ach 's docha aon latha.... Deagh naidheachd ge-tà gun do bhuainnaich Air Cuan Dubh Drilseach le Tim Armstrong duais math an uiridh.

      Le deagh dhùrachd,

      Seumaidh

      Delete
  2. Abair mìorbhail a bhith agam air ais agus feumaidh mi an fhianais mhòr seo a cho-roinn ... tha mi dìreach airson taing a thoirt don Dr.Wealthy airson ùine a ghabhail gus mo chuideachadh a ’tilgeil an gheasaibh a tha {a-nis an duine agam}, a chaill ùidh annam gu h-obann às deidh sia mìosan de ghealladh, ach an-diugh tha sinn pòsta agus tha sinn nas toilichte na cha robh mi a-riamh roimhe, tha mi gu math gann de dh ’fhaclan agus de thoileachas, agus chan eil fhios agam dè an luach a tha mi a’ sealltainn dhut. Dr.Wealthy you are a God air a chuir air falbh gus càirdeas briste a thoirt air ais. tha e a ’còrdadh gu mòr ri bhith a’ cuideachadh dhaoine le bhith a ’coileanadh an ana-miannan, a’ lorg fìor ghràdh, a ’faighinn an cuid leannanan air ais, a’ stad dàimhean ana-cainteach, a ’lorg soirbheachas, a’ tàladh sonas, a ’lorg companaich anam agus barrachd, cuir fios thuige an-diugh. agus leig leis sealltainn dhut iongantasan agus iongnadh an t-Siostam Litreachaidh Gràidh aige. Bidh e a ’lìbhrigeadh thoraidhean aig a’ char as fheàrr ann an tilgeadh litreachaidh fìor, cuir post-d thuige airson cuideachadh air wealthylovespell@gmail.com no faodaidh tu cuideachd fios a chuir thuige air +2348105150446.

    ReplyDelete