Saturday, 27 October 2012

Co-labhairt airson Coimhearsnachdan aig Pàrlamaid na h-Alba

Image © Scottish Parliamentary Corporate Body – 2012.
Licensed under the Open Scottish Parliament Licence v1.0. 

Aithris dhen latha

Luchd-leantainn ùr is teachdaireachd a' gabhail taing dhomh!
Bha mi moiteil a ghabh pàirt anns na ceathramh Co-Labhairt airson Coimhearsnachdan aig Pàrlamaid na h-Alba "Understanding Your Parliament" ann an Dùn Èideann an-diugh. Bha mi ann mar neach-eòlais ann am Meadhanan Sòisealta agus bha mi a bhruidhinn mu dheidhinn mar a chleachd mi Twitter is Facebook a choitich ris na Buill Phàrlamaid na h-Alba agus airson iomairtean. Bha beagan sgàth orm aig tòiseach an latha ach shocraich mi fhèin mus do thoisich a' chiad bùth-obrach às dèidh bruidhinn ri Elizabeth, Emma is Sean. Rinn mi dà bhùth-obrach fad an latha. 'S e a' chiad uair a bh' ann gun d' rinn mi pannail mar seo aig ìre àrd mar seo agus tha mi toilichte a ràdh gun deach e uabhasach math! Aig lòn bha mi a' bruidhinn ri Murray (faic an dealbh) agus bha mòran dragh air mus tàinig e chun na co-labhairt mu dheidhinn cleachdadh nam meadhanan sòisealta. Aon latha às dèidh, bha e a' sgrìobhadh drannd (no Tweet) dhomh!

Measadh de 13.11.2012

Image © Scottish Parliamentary Corporate Body – 2012
Licensed under the Open Scottish Parliament Licence v1.0 
A rèir measadh na co-labhairt thàinig 187 riochdairean bho buidhinn choimhearsnachd am measg an t-sluaigh is beag chun na co-labhairt. Bha latha glè fheumail airson na riochdairean agus bha ùidh aig a h-uile duine ann a fhaighinn a-mach mar a tha am pàrlamaid ag obair agus mar a tha e comasach a bhi an sàs ann an obair aig a' Phàrlamaid agus na BPA aca. Chòrd na bùithtean-obrach ris na riochdairean cuideachd. Seo earrann bhon measadh (sa Bheurla):



Issues / Themes Raised During Workshops

Scottish Parliament Twitter account has 9000 followers and tweets between 5-8 times per day.
Content ranges from business, events, questions, calls for evidence
Image © Scottish Parliamentary Corporate Body – 2012.
Licensed under the Open Scottish Parliament Licence v1.0 
.
Nearly all MSPs have a website, approx. 94% use twitter and facebook. It enables them to engage with the community. They tend to use Twitter more informally and Facebook for reporting more community based activities.

Many MSPs will “retweet” and this can be used by charities to reach more followers.

Twitter.com/ScotParl
Twitter.com/SP_LocalGovt
Twitter.com/parlalba
Twitter.com/Jamie_Wallace
Tweetfeed can be used to manage blogs, Facebook and twitter
Tweetreach can be used to monitor activity in response to your tweet
www.google.com/alerts using keywords reports can be generated and emailed to you.



Thursday, 11 October 2012

Cà bheil Gàidhlig aig a' Mhòid Nàiseanta Rioghail 2012 ann an Dùn Omhain?


 Chunnaic mi ceist air Facebook sa mhadainn a dh'fhaighneachd mi an-uiridh aig àm na Mòd ann an Steòrnabhagh agus chuir mi e a-mach a-rithist an-diugh:

Have you seen the logo for the Royal National Mòd in Dunoon 2012? Am faca tu an dealbh airson a' Mhòid Nàiseanta Rioghail ann an Dùn Omhain 2012?

Chan eil ach 2 duine ga faicinn! Agus thuirt tè eile: "Chunnaic mi an Logo. Ciamar a litrich tu 'Earra Gaidheal' a-rithist?" Freagairt mi: "Le a sràc?" Agus thug mi freagairt air ais nach robh 'h' ann cuideachd! Faic seo:
"Earra Ghaideal" an àite "Earra Ghàidheal"
Ach as-dèidh sin, lorg mi airson làrach-lìn. Agus tha fear ann! Cha b' urrainn dhomh tuigsinn carson nach eil obair a chuir an làrach-lìn air adhart. Ach an uair sin, bha mi nam bheachd-sa nach robh e rud dona air sgàth nach robh ach aon duilleag sa Ghàidhlig air an làrach-lìn. Chleachd an comataidh buidheann gun eòlas ann an làrach-lìn da-chànanach. 'S fheudar dhomh faighneachd carson!
Mar buail, sgrìobh mi Tweet agus sgrìobh mi post-dealain chun an rùnaire. Rinn mi lethbhreac na ceistean do Bhòrd na Gàidhlig cuideachd airson am beachd aca-san cuideachd. Tha mi a' feitheamh an-drasda airson freagairtean air ais.

Chuir mi drannd air Twitter

Is it good enough to have only 1 page of on the DunoonMòd2012 official site? Comments to the secretary

Litir don a' Mhòid 


A charaid chòir,

Chunnaic mi an làrach-lìn agaibh an-diugh airson a' chiad thuras agus tha mi mi-thoilichte leis.

cha robh ach aon duilleag ann an Gàidhlig, agus nach eil e soilleir gu bheil e ann. 'S e dìreach ceangal a th' ann!

Thagh sibh "Pam Forsyth Web Design" a dhèanamh an làrach-lìn agaibh. Thug mi sùil air an cùram-roinne aig am buidheann seo, agus chan fhaca mi aon làrach-lìn a bha ann an Gàidhlig no a bha dèante ann an dòigh da-chànanach.


  1. Carson a rogh sibh am buidheann seo o chionn buidheann aig a bheil Gàidhlig?
  2. Carson nach robh làrach-lìn da-chànanach pàirt na cùmhnant eadar sibhse agus "Pam Forsyth Web Design"?
  3. Nach eil poileasaidh dà-chànanach no poileasaidh Gàidhlig aig Dunoon Mod 2012?
  4. A bheil ùidh aig Dunoon Mod 2012 a chur Gàidhlig air adhart no a bheil ùidh ann dìreach a' chùmail a' dol a' Mhòd ann an dòigh Beurla?
Tha mi a' gabhail sùil air adhart airson freagairt bhuatsa.

Le deagh dhùrachdan,

Seumaidh


Thursday, 4 October 2012

Brochan 's Lite 's Mi!

Brochan no Lite
Nuair a bha mi aig bracaist, bha sinn a' bruidhinn air mar cha toil leam brochan le salainn. Thuirt caraid gur e rud Sassanaich a bh' ann! 'S fhèarr leam am brochan agam gu math milis no gu naddurach. Am feasgar seo, bha mi a' leughadh an leabhar ùr agam le bàrdachd a thug mi airson mo cho-là breith seachdain air ais: "These Islands We Sing", deas. le Caomhainn MacNèil; agus leugh mi an dàn seo le Anna Frater (d.210):

Lit' Gun Shalainn

Sgian dubh 'na stocainn
agus Beurla na bheul
moladh lit' sa mhadainn
's e cur muesli na bhòbhl;
'Chan fhaighear nas fhèarr na 'n t-uisge-beatha.'
Ach 's e Martini bhios e 'g òl...
nach ann truagh a tha'n cluaran
le boladh an ròis!

Cha do mholadh mi am brochan an seo no uisge-beatha - 's fhèarr leam leann! Dearbhadh fhèin gu bheil mi nam Albannaich!

#Latha-Nàiseanta-na-Bàrdachd


#Latha-Nàiseanta-na-Bàrdachd
04.10.2012


Seo latha, a tha math, 
Le bàrdachd gu leòr 
Air cuspair sam bith. 

Nach sgrìobh tusa dàn, 
No dèan thu òran? 
Feuch e 's gabh spors! 

Rach ma-ta!

Wednesday, 3 October 2012

Seachdain nam Meadhanan Sòisealta Ghlaschu 2012

Thachairt Seachdain nam Meadhanan Sòisealta ann an Glaschu eadar 24mh is 28mh an t-Sultain 2012.

Bha co-fharpais litreachais a' ruith fad an seachdain, agus thagh Alison Lang is Marcas Mac An Tuirneir buannaich. Bha taisbeanadh ann cuideachd bho sgoilear aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus bha pannail deasbaid ann a bhruidhinn air Gàidhlig agus  nam Meadhanan Sòisealta.
Tim, Seumaidh agus Daniela

Bha mi toilichte a bhi 
an sàs an Seachdain nam Meadhanan Sòisealta am bliadhna agus tha mi glè thaingeil gu Tim Wright agus Daniela Castrataro aig TwinTangibles airson a' cur cuireadh dhomhsa aig toiseach a' bhliadhna a ghabail pàirt mar riochdaire airson a' choimhearsneachd Gàidhlig.

Ro-Ràdh

Thug mi òraid beag mar ro-ràdh anns a' Ghàidhlig. Cha robh an gràmair agam glè cheart ach dh'fheuch mi mar is fhearr a dh'fhaodas mi. Seo am pìos a leugh mi a-mach:

Fàilte chridheil agus mòran taing do a h-uile duine a tha an seo airson ar tachartasan Gàidhlig aig Seachdain nam Meadhanan Sòisealta ann an Glaschu am bliadhna - 2012. 

Nuair a thoisich mi Meetup Gàidhlig Ghlaschu ann an 2009, cha creidsinn gu bheil mi làitheil - an seo - còmhla ribhse agus ann an compàirteachas le caochladh duine is buidhnean le Gàidhlig no aig a bheil ùidh anns a’ cànan is cultur Albannaich, air àrd-ùrlar mòr a’ dèanamh tachartasan Gàidhlig beò, air loidhne ann an Glaschu – am baile mòr. Nam bheachdsa, ’s e rud cudromach a th’ ann agus tha e na puing taisbeanach gu bheil Gàidhlig beò, gu bheil ar cànain a’ fàsadh agus gu bheil ùidh gu leòr sa teanga, a chumail e a’ dol le misneach airson an t-àm ri teachd. 

Agus a thaobh an t-àm ri teachd, ’s e rud na cudromaiche gu bheil sgoilearan is oileanaich òg an sàs an mar a tha ar cànan dol air adhart. Seo an adhbhar a thoisich mi am pròiseact “Glaschu 2012” le Gillian Dick, neach-gnothaich soirbheachail à Ghlaschu. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil e cudromach an-diugh a thoirt iad stiùireadh is cothroman a chleachdadh na Meadhanan Sòisealta ann an Gàidhlig, taobh a-muigh na sgoiltean, na colaistean is nan oilthighean le misneach a bhrosnaich ar cànan bhrèagha. Tha sinn ag iarraidh a chumhachgachadh is ùghdarachadh ar daoine òg. Tha sin-se am prìomh amas na pròiseact.

Mar am facas tu, tha ùidh fìor mhòr agamsa Gàidhlig àrdachadh don a’ phoblach coitcheann agus tha mi nam bheachd gu bheil na meadhanan sòisealta deatamach sna làithean-sa son Gàidhlig a chuir air adhart.

Com-pàirtichean  
Tha tachartasan sònraichte an-diugh. Tòisichidh sinn le taisbeanadh bho Sheòras Costford às an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air a ghreis-obrach anns na Meadhanan Sòisealta. An uair sin, bidh pannail deasbad air “Gàidhlig agus Na Meadhanan Sòisealta”. Às dèidh sin aig 4.00f, bidh sinn a-faighinn a-mach cò tha bhuannaich an co-fharpais litreachail “An Litir Glè Bheag”.

Tha mi an dòchas gun còrdaidh ribh na tachartasan seo agus gum bi thu a’ gabhail pàirt is a’ cuir na dranndan (no Tweets) le #SMWGlaschu2012, a’ dèanamh postaichean air Facebook no fiù ’s a’ sgrìobhadh pìos air do bhlog.

Taisbeanadh is Pannail Deasbaid

Às dèidh an ro-ràdh agam, thug Seòras Costford, sgoilear aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, taisbeanadh air a ghreis-obrach aig Taigh Chailleann anns a’ bhaile mòir le tè-ghnothaich Gillian Dick.  Bhruidhinn e air a obair ann an Gàidhlig air an làrach-lìn mi-oifigeil “Glaschu 2014” – làrach-lìn ann an Gàidhlig is Beurla airson Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann an dà bhliadhna.

Pannail Deasbaid
Leantainn pannail deasbaid a bhruidhinn air Gàidhlig is cleachdadh na Meadhanan Sòisealta. Thug Alasdair McCaluim, Alison Lang, Gillian Dick, Seumaidh Uallas, Gabhan McGowan agus Seòras Costford pàirt ann an tachartas seo agus thug iad na beachdan aca air a’ chuspair seo. Bhruidhinn iad air cleachdadh na Gàidhlig, feum airson Apps ann an Gàidhlig, leabhraichean-dealain, Blogging agus cleachdadh na Meadhanan Sòisealta ann an sgoiltean.

Tweetaichean bho Lorna M. Nic Chaimbeul
Sgrìobh Lorna Nic Chaimbeul Tweetaichean air an taisbeanadh seo agus 's urrainn dhuinn gearr-chunntas faicinn air bha sinn ag ràdh. 

’S e latha cudromach a bh’ ann airson Gàighlig an-diugh. Bha Gàidhlig air àrd-ùrlar air feadh an t-saoghal; agus aon rud nas inntinneach ge-tà a tha nach robh na tachartasan seo a’ tachairt anns a’ Ghàidhealtachd no san eileanan ach ann an Glaschu – Baile mòr nan Gàidheail!



Co-Fharpais: An Litir Glè Bheag

Na breitheamhan: Marcas Mac An Tuirneir agus Alison Lang
Leugh Alison Lang agus Marcas Mac an Tuirneir a-mach roghainn den litrichean glè bheag (no Tweetaichean) a fhuair sinn a-steach. Bhuannaich David Eyre a Glaschu leis an litir glè bheag seo:





A reir na breitheamhan, tha bàrdachd am follais an seo agus tha e gu math freagarrach airson an fhoghair cuideachd. Bhuannaich Daibhaidh Kindle E-Reader.

Mòran Taing

Bu thoil leam ag ràdh MÒRAN TAING is TAING MHÒR do gach neach a gabhail pàirt anns an seachdain sonraichte seo. Rinn sinn obair math airson Gàidhlig.