Fhuair mi liofta a Glaschu bho an t-Eilean Sgìtheanach (tapadh leibh do Mharcas, a mhàthair is Bernadette!). Bha mi ann an Glaschu aig 6f agus choinneach mi neach-obrach aig Cànain airson greiseag mus do dh'fhalbh mi air an trèana. Chunnaic mi sin:
![]() |
Sanas-reic airson Seachdain nam Meadhanan Sòisealta Ghlaschu |
Ràinig mi ann an Dùn Èideann oidhche Haoine. Bha mi a' fuireach aig an ostail seo faisg air Sràid a' Phrionnsa. Tha 'Fàilte gu Alba' sgrìobhte air a' bhalla!
![]() |
Fàilte gu Alba! |
An ath latha choisich mi do Na Faichean air slighe na chaismeachd. Cheannaich mi lòn mus do ràinig mi ann.
![]() |
Tha na Geamaichean air criochadhadh; tha iomairt airson neo-eisimeileachd air toiseachadh |
Bha mi nam stiùbhard agus choinnich mi an cèile agam. Bha sinn ann an Sgioba 2. Bha sinn aig toiseach an caiseameachd.
![]() |
Mi-fhèin agus Morgwn |
Chunnaic mi caraidean bho Ghlaschu is Dùn Dè
![]() |
Seo Friseal! |
![]() |
Seo Màrtainn, a charaid agus mi-fhèin |
Dealbhain a' chaismeachd a' dol do Garraidhean a' Phrionnsa:
Dealbhain na rallaidh:
Chuannaic mi seo aig a' bhuird aig CND na h-Alba
Agus choinnich mi luchd-poileatigs cuideachd!
Ailig Salmond, BPA
Coinneach MacAskill, BPA
Linda Fabiani, BPA
Angus MacDonald, BPA
Derek Mackay, MSP
Dealbhain eile:
Luchd-taice bho Venice:
Mi-fhèin còmhla ri còmhlan-ciuil Clanadonia:
![]() |
www.clanadonia.co.uk |
'S fhèarr leam an dealbh sin. Faic seo air Facebook.Thug mi e mu 4f nuair a bha mi a' bruidhinn anns a' Ghàidhlig leatha agus dà nighean eile. Bha mi cho toilichte Gàidhlig fhaicinn agus chluintinn aig an rallaidh. Nam bheachdsa, tha Gàidhlig pàirt mòr a chluich ann an Alba neo-eisimeileach. 'S math a rinn thu, a Chatriona! Dìreach sgoinneil!
![]() |
Catriona Young às an t-Òban |