Seo a' chiad pìos obair-dachaigh a rinn mi sa chlas sgrìobhadh agam am-bliadhna. Ma tha beachd sam bith air sin bhiodh e math a chluintinn bhuat.
Na Meadhanan
Cha do choimhead
mi na geamaichean seo ach chunnaic mi na Geamannan Oilimpeach. Chunnaic mi
fosgladh nan Geamannan Parailimpeach ach bha cus sanasan-reic ann air mo shon.
Nuair a bha mi a’ smaointinn air sin, thàinig e a-steach orm nach eil na
Geamannan Parailimpeach aig an aon ìre mar na Geamannan Oilimpeach. Gun
teagamh, bha iad ann an clas ìochdarach agus chan eil sin math gu h-àraid a thaobh
co-ionnannachd!
Cha do leugh mi mòran
a thaobh a’ chuspair seo sa Ghàidhlig. Anns an iris làithreach de Chothrom,
leugh mi pìos beag anns an ro-ràdh le DJ aig Clì Gàidhlig – ach bha e
ag ràdh gu bheil na planaichean Gàidhlig ann an Alba mòran nas cudromaiche! Cha
robh alt sam bith air a sgrìobhadh le Naidheachdan BBC; no ann am blog
politigeach aig Niall O’ Gallagher; no fiù ’s ann am blogaichean Gàidhlig eile
air an eadar-lìon.
Cha chuala mi
mòran air an radio no air an telebhisean sa Ghàidhlig mu na geamannan seo. Chuala
mi dìreach dà phrògram aig Coinneach MacÌomhair air Radio nan Gàidheal agus bha
e bruidhinn mu na tachartasan seo [2].Bhruidhinn
Coinneach mu na Geamannan Parailimpeach air ceathramh is siathamh an t-Sultain
airson cairteal uair gach àm. Leth uair gu lèir, agus bha Coinneach ann an
Lunnainn aig a’ Phàirc Oilimpeach airson aon gu trì seachdain! Nam bheachdsa,
cha robh sin gu leòr.
Dealbh: Còir Lethbhreac a' Chrùin |
[1]
Tùs: Am Faclair Beag - http://www.faclair.com/ViewEntry.aspx?ID=DB585D5BFB71C14AAD1C45D512CAE209
[2] 04/09/12
– Aithris air na Geamannan Parailimpeach ann an Lunnainn còmhla ri Iain
Macleòid, beatha Sun Myung Moon agus beachd air cò a bu chòir a-dhol na àite
agus dè na dùbhlain a tha aig clann a tha ciorramach a tha ri spòrs; 06/09/2012
- A' cuimhneachadh air prògraman
Telebhisean as na h-ochdadan, aithris bho na Geamannan Parailimpeach ann an
Lunnainn còmhla ri Iain Macleòid, Chrissie Lawson a' toirt iomradh air na
h-Albannaich a rinn dachaigh anns an Abhainn Dhearg ann an Canada agus an
t-seachdain seo se Niall Iain Dòmhnallach a bhios a' rannsachadh Tasglann
Phàipearan Naidheachd Bhreatainn.
No comments:
Post a Comment