Wednesday 3 October 2012

Seachdain nam Meadhanan Sòisealta Ghlaschu 2012

Thachairt Seachdain nam Meadhanan Sòisealta ann an Glaschu eadar 24mh is 28mh an t-Sultain 2012.

Bha co-fharpais litreachais a' ruith fad an seachdain, agus thagh Alison Lang is Marcas Mac An Tuirneir buannaich. Bha taisbeanadh ann cuideachd bho sgoilear aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus bha pannail deasbaid ann a bhruidhinn air Gàidhlig agus  nam Meadhanan Sòisealta.
Tim, Seumaidh agus Daniela

Bha mi toilichte a bhi 
an sàs an Seachdain nam Meadhanan Sòisealta am bliadhna agus tha mi glè thaingeil gu Tim Wright agus Daniela Castrataro aig TwinTangibles airson a' cur cuireadh dhomhsa aig toiseach a' bhliadhna a ghabail pàirt mar riochdaire airson a' choimhearsneachd Gàidhlig.

Ro-Ràdh

Thug mi òraid beag mar ro-ràdh anns a' Ghàidhlig. Cha robh an gràmair agam glè cheart ach dh'fheuch mi mar is fhearr a dh'fhaodas mi. Seo am pìos a leugh mi a-mach:

Fàilte chridheil agus mòran taing do a h-uile duine a tha an seo airson ar tachartasan Gàidhlig aig Seachdain nam Meadhanan Sòisealta ann an Glaschu am bliadhna - 2012. 

Nuair a thoisich mi Meetup Gàidhlig Ghlaschu ann an 2009, cha creidsinn gu bheil mi làitheil - an seo - còmhla ribhse agus ann an compàirteachas le caochladh duine is buidhnean le Gàidhlig no aig a bheil ùidh anns a’ cànan is cultur Albannaich, air àrd-ùrlar mòr a’ dèanamh tachartasan Gàidhlig beò, air loidhne ann an Glaschu – am baile mòr. Nam bheachdsa, ’s e rud cudromach a th’ ann agus tha e na puing taisbeanach gu bheil Gàidhlig beò, gu bheil ar cànain a’ fàsadh agus gu bheil ùidh gu leòr sa teanga, a chumail e a’ dol le misneach airson an t-àm ri teachd. 

Agus a thaobh an t-àm ri teachd, ’s e rud na cudromaiche gu bheil sgoilearan is oileanaich òg an sàs an mar a tha ar cànan dol air adhart. Seo an adhbhar a thoisich mi am pròiseact “Glaschu 2012” le Gillian Dick, neach-gnothaich soirbheachail à Ghlaschu. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil e cudromach an-diugh a thoirt iad stiùireadh is cothroman a chleachdadh na Meadhanan Sòisealta ann an Gàidhlig, taobh a-muigh na sgoiltean, na colaistean is nan oilthighean le misneach a bhrosnaich ar cànan bhrèagha. Tha sinn ag iarraidh a chumhachgachadh is ùghdarachadh ar daoine òg. Tha sin-se am prìomh amas na pròiseact.

Mar am facas tu, tha ùidh fìor mhòr agamsa Gàidhlig àrdachadh don a’ phoblach coitcheann agus tha mi nam bheachd gu bheil na meadhanan sòisealta deatamach sna làithean-sa son Gàidhlig a chuir air adhart.

Com-pàirtichean  
Tha tachartasan sònraichte an-diugh. Tòisichidh sinn le taisbeanadh bho Sheòras Costford às an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air a ghreis-obrach anns na Meadhanan Sòisealta. An uair sin, bidh pannail deasbad air “Gàidhlig agus Na Meadhanan Sòisealta”. Às dèidh sin aig 4.00f, bidh sinn a-faighinn a-mach cò tha bhuannaich an co-fharpais litreachail “An Litir Glè Bheag”.

Tha mi an dòchas gun còrdaidh ribh na tachartasan seo agus gum bi thu a’ gabhail pàirt is a’ cuir na dranndan (no Tweets) le #SMWGlaschu2012, a’ dèanamh postaichean air Facebook no fiù ’s a’ sgrìobhadh pìos air do bhlog.

Taisbeanadh is Pannail Deasbaid

Às dèidh an ro-ràdh agam, thug Seòras Costford, sgoilear aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, taisbeanadh air a ghreis-obrach aig Taigh Chailleann anns a’ bhaile mòir le tè-ghnothaich Gillian Dick.  Bhruidhinn e air a obair ann an Gàidhlig air an làrach-lìn mi-oifigeil “Glaschu 2014” – làrach-lìn ann an Gàidhlig is Beurla airson Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann an dà bhliadhna.

Pannail Deasbaid
Leantainn pannail deasbaid a bhruidhinn air Gàidhlig is cleachdadh na Meadhanan Sòisealta. Thug Alasdair McCaluim, Alison Lang, Gillian Dick, Seumaidh Uallas, Gabhan McGowan agus Seòras Costford pàirt ann an tachartas seo agus thug iad na beachdan aca air a’ chuspair seo. Bhruidhinn iad air cleachdadh na Gàidhlig, feum airson Apps ann an Gàidhlig, leabhraichean-dealain, Blogging agus cleachdadh na Meadhanan Sòisealta ann an sgoiltean.

Tweetaichean bho Lorna M. Nic Chaimbeul
Sgrìobh Lorna Nic Chaimbeul Tweetaichean air an taisbeanadh seo agus 's urrainn dhuinn gearr-chunntas faicinn air bha sinn ag ràdh. 

’S e latha cudromach a bh’ ann airson Gàighlig an-diugh. Bha Gàidhlig air àrd-ùrlar air feadh an t-saoghal; agus aon rud nas inntinneach ge-tà a tha nach robh na tachartasan seo a’ tachairt anns a’ Ghàidhealtachd no san eileanan ach ann an Glaschu – Baile mòr nan Gàidheail!



Co-Fharpais: An Litir Glè Bheag

Na breitheamhan: Marcas Mac An Tuirneir agus Alison Lang
Leugh Alison Lang agus Marcas Mac an Tuirneir a-mach roghainn den litrichean glè bheag (no Tweetaichean) a fhuair sinn a-steach. Bhuannaich David Eyre a Glaschu leis an litir glè bheag seo:





A reir na breitheamhan, tha bàrdachd am follais an seo agus tha e gu math freagarrach airson an fhoghair cuideachd. Bhuannaich Daibhaidh Kindle E-Reader.

Mòran Taing

Bu thoil leam ag ràdh MÒRAN TAING is TAING MHÒR do gach neach a gabhail pàirt anns an seachdain sonraichte seo. Rinn sinn obair math airson Gàidhlig.

2 comments:

  1. Deagh phost bloga a Sheumais! Bidh sinne a' sgrìobhadh pios air blog na Pàrlamaid mu dheidhinn a dh'aithghearr cuideachd.

    ReplyDelete
  2. Abair mìorbhail a bhith agam air ais agus feumaidh mi an fhianais mhòr seo a cho-roinn ... tha mi dìreach airson taing a thoirt don Dr.Wealthy airson ùine a ghabhail gus mo chuideachadh a ’tilgeil an gheasaibh a tha {a-nis an duine agam}, a chaill ùidh annam gu h-obann às deidh sia mìosan de ghealladh, ach an-diugh tha sinn pòsta agus tha sinn nas toilichte na cha robh mi a-riamh roimhe, tha mi gu math gann de dh ’fhaclan agus de thoileachas, agus chan eil fhios agam dè an luach a tha mi a’ sealltainn dhut. Dr.Wealthy you are a God air a chuir air falbh gus càirdeas briste a thoirt air ais. tha e a ’còrdadh gu mòr ri bhith a’ cuideachadh dhaoine le bhith a ’coileanadh an ana-miannan, a’ lorg fìor ghràdh, a ’faighinn an cuid leannanan air ais, a’ stad dàimhean ana-cainteach, a ’lorg soirbheachas, a’ tàladh sonas, a ’lorg companaich anam agus barrachd, cuir fios thuige an-diugh. agus leig leis sealltainn dhut iongantasan agus iongnadh an t-Siostam Litreachaidh Gràidh aige. Bidh e a ’lìbhrigeadh thoraidhean aig a’ char as fheàrr ann an tilgeadh litreachaidh fìor, cuir post-d thuige airson cuideachadh air wealthylovespell@gmail.com no faodaidh tu cuideachd fios a chuir thuige air +2348105150446.

    ReplyDelete