Sgrìobh mi breithneachadh air Taigh-Òsta na Pairce ann am Partaig airson co-fharpais Famous Grouse aig 'The Telegraph':
http://www.telegraph.co.uk/sponsored/foodanddrink/top-100-famous-pubs/8665347/Park-Bar-Glasgow.html
Tha mi a' smaontinn gu bheil e deagh fhollaiseadh airson Farpais-cheist taigh-seinnse sa Ghàidhlig ann an Glaschu.
Tha Meetup Ghàidhlig Ghlaschu agus Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu ag amas air farpais-cheist a chumail an treas Diciadain gach mìos.
Tha an ath fharpais-cheist Oidhche Chiadain 17mh Lùnastal aig 1930. Tha e cosg £2 gach neach a bhith an sàs.
Bhuannaich an sgioba agam aig an fharpais cheist mu dheireadh :) Seo dealbh:
No comments:
Post a Comment