Gaelic conversation by Skype | Cothrom Còmhraidh air Skype - http://meetup.gaelicglasgow.org.uk/events/26850421/
Sunday, 31 July 2011
Coinneamh bhliadhnail is clas air Skype
Bha mi ag obair air taisbeanadh a-nochd airson a' choinneamh bhliadhnail aig Meetup Gaidhlig Ghlaschu. Tha ar Coinneamh Bhliadhnail air Diluain 8mh den Lunastal aig 2f san Leanag ann am Partaig. Larach-lin: leadership.gaelicglasgow.org.uk
Am feasgar bha mi air Skype airson clas comhraidh ach cha robh duine sam bith ann - a-mhain mi-fhein is ar oide Alasdair. Bidh an ath chlas Skype Diadomhnaich, 7mh den Lunastal aig 7f airson uair. S e clas saor an asgaidh a th' ann. Tha fiosrachadh agam air a' chlas seo: skype.gaelicglasgow.org.uk
Saturday, 30 July 2011
'Park Run' Ghlaschu
Dh'èisg mi tràth sa mhadainn oir bha mi a'dol a ruith ann am Pairc Pholloc son a' chiad àm le 'park run'.
Cha robh e glè fhurasta airson mo chiad àm! Tha ruith na dicheallache mar air mo bhaihsagal - uill, tha mi a' chreidinn sin!
Ruith mi 2950m ann an 22 mionaidean. Cha do rinn mi an darna chuairt aig an àm seo. 'S dòcha nì mi sin an ath turas...
Tha fiosrachadh mu dheidheinn 'Pollok Park Run' seo: http://www.parkrun.org.uk. 'S e tachartas proifeiseanta agus saor an asgaidh agus tachairt e gach Disathairme aig 9.30m. Tha feum agaibh air clàradh air loidhne dhèanamh.
Friday, 29 July 2011
Taighe-seinnse na Pairce
Sgrìobh mi breithneachadh air Taigh-Òsta na Pairce ann am Partaig airson co-fharpais Famous Grouse aig 'The Telegraph':
http://www.telegraph.co.uk/sponsored/foodanddrink/top-100-famous-pubs/8665347/Park-Bar-Glasgow.html
Tha mi a' smaontinn gu bheil e deagh fhollaiseadh airson Farpais-cheist taigh-seinnse sa Ghàidhlig ann an Glaschu.
Tha Meetup Ghàidhlig Ghlaschu agus Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu ag amas air farpais-cheist a chumail an treas Diciadain gach mìos.
Tha an ath fharpais-cheist Oidhche Chiadain 17mh Lùnastal aig 1930. Tha e cosg £2 gach neach a bhith an sàs.
Bhuannaich an sgioba agam aig an fharpais cheist mu dheireadh :) Seo dealbh:
Thursday, 28 July 2011
Feasgar an-de
Cha robh fios agam gun robh Alasdair agus Rosemary ann an Glaschu an-dè agus bha mi aig an aon àite!
http://parlamaidalba.wordpress.com/2011/07/28/tha-e-math-a-bhith-a%e2%80%99-bruidhinn/
Co-dhiù, tha mi a' smaointinn gun do rinn mi dealbh nas fhèarr ;) Dè ur beachd?
Wednesday, 27 July 2011
Clas comhraidh a-nochd
Tha mi aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu airson clasaichean còmhraidh ach 's e latha brèagha a th' ann. Chan eil mi cinnteach cia mheud duine bidh an seo a-nochd...