Tuesday, 9 July 2013

'S fhada bhon uairsin! #PDConf, Là Twitter #Gàidhlig, agus Gàidhlig ann an Iapan!

Cha do sgrìobh mi blog an seo airson greis, ach bha mi a' sgrìobhadh airson blogaichean eile.

Sgrìobh mi am pìos seo airson Pàrlamaid na h-Alba mu dheidhinn an tadhail agam gu Sruighlea airson #PDConf, agus thòisich mi obair air blogaichean ùr aig Social Media Alba.

An seachdain sa chaidh, chur mi air bhog Là Twitter - latha sonraichte airson a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig a cruinneachdadh fon taga hais #Gàighlig le dùil agus dòchas bum bi #Gàidhlig a' treandadh air a' chiad latha dhen Òg-mhìos. Seo an sgeulachd chun an latha an-diugh air Storify.

Agus an-diugh, bha mi toilichte a leughadh gun d'rinn neach-leantainn am blog seo blog aige-fhèin o chionn an Dàmhair 2011! Cha robh fios agam mun dheidhinn roimhe seo - ach taing do Jayne NicLeòid cò sgrìobhadh post air Facebook an-diugh. A rèir Blogger, tha Tacaesi à Tòcèo ann an Iapan agus tha esan na phiòbair agus sgrìobhadair ag ionnsachadh Gàidhlig. Tha e a' sgrìobhadh air cuispearan Iapanach sa Ghàidhlig. Seo am blog aige: http://gaelic-japan.blogspot.co.uk/ Tha e fìor mhath is fiosraichail!

Chunnaic mi seo air blog eile aige:

Wednesday, 27 March 2013

Iain, Ratbag, a Bhrònain!


Iain, Ratbag, a Bhrònain!

Sìos ann an Lunnainn
A’ lìbhrigeadh pian
Air feadh an dùthaich.
Chan eil cus agad idir.
Iain, a bhrònain!

Ann an Sruighlea an-diugh
Choisinn thu mì-chliù
’S tusa ratbag, Ratbag Iain
Donnchadh MacIlleathain
Iain, a bhrònain!

Mura cluinn tu sin,
Cha chluinn tu a' chuthag.
Rinn thusa am poileasaidh
Gun moralta, gun cuinnseas
Iain, a bhrònain!

“An rud as fheudar,
As fheudar e”.
Uill chan fheudar, tha thu ceàrr.
Agus faic tu sin, chì sinn.
Iain, a bhrònain!

Friday, 22 March 2013

Mo chiad thuras aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis


Tha mi dìreach air ais bhon a' chiad choinneamh agam aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis. Cha robh dùil agam a bhith ann fiù 's, ach chaidh mi ann agus chòrd e rium gu leòr.

Nise, anns a' chiad dà bhliadhna aig Oilthigh Ghlaschu, bha mi a cleachdadh na leabhraichean a thig às an Comunn seo. Chleachd mi iad airson aistean a sgrìobhadh agus beagan rannsachadh a dhèanamh - agus a bhith gu math onarach, aig an t-àm sin bha mi a' smaointinn gun robh iad gu math tioram - mar a mhòr-cuid na stuth leughadh, mar 's gum biodh!

Ach a-nochd, bha mi an sàs ann an oidhche far an robh an aon seòrsa òraid ann agus bha mòran duine ann aig a bheil ùidh ann an dè thuirt Cailean MacIlleathain a thaobh 'Soitheach nan Daoine'. Bha sinn ag èisteachd agus bha sinn a' faighneachd ceistean a thaobh an cuspair seo is òraid. Thàinig am pìos sgrìobhadh seo beò! 

Agus bha mi a' smaointinn gu bheil airson gach aiste no 'transaction' anns na leabhraichean aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis, nuair a bha iad leughadh a-mach - bha iad a' tighinn beò air nan oidhcheannan siud cuideachd. 

Anns na bliadhnachan a' tighinn, bi oileanaich eile a' leughadh mu dheidhinn 'Soitheach nan Daoine', an oidhche seo, 's mar sin, thàinig mi dhan cho-dhùnadh nach eil nan aistean cho tioram mu dheireadh thall!

Thàinig e a-steach orm cuideachd gum bi mi-fhèin, mar phàirt an sgioba nas motha, a' dèanamh an aon seòrsa rud ('s dòcha) a thaobh na pàipeirean a bha leughadh a-mach aig deireadh na seachdain seo ann an Oilthigh Dhùn Èideann aig a' Cho-Labhairt airson Oileanaich Cheiltich.

Làrach-lìn aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis: http://gsi.org.uk/

Bile an Reifreinn agus cleachdadh na Gàidhlig - Gairm fianais

Diardaoin, 21.03.2013. Seo an latha a chur Nichola Sturgeon ainm ri Bile an Reifreinn. 'S e ceum mòr  air adhart gu dearbh, ach chan e lagh a th' ann am bile seo fhathast ge-tà!

Tha Comataidh Bile Reifreinn (Alba) aig Pàrlamaid na h-Alba ris a bheil e an urra sgrùdadh a dhèanamh air an reachdas gus reifreann air neo-eisimeileachd a chumail ag iarraidh fianais mun Bhile.


Ma tha beachd agaibh air an cuspair seo, seo cothrom dhut! Tha an comataidh seo a’ sireadh bheachdan air a’ Bhile an-dràsda gus an 6mh latha dhen Ògmhios 2013.

Bhiodh e math fianais sgrìobhte ann an Gàidhlig fhaicinn. Agus gu h-araid a leughadh beachdan air cleachdadh na Gàidhlig airson na Reifreinn an ath bhliadhna.

Leugh mi na beachdan aig Art Cormack air Facebook. Thuirt e:

 "Bha mi caran leisg a dhol an sàs san deasbad seo ach tha mi den bheachd gur e gnothach cudromach a th' ann don Ghàidhlig agus còirichean nan Gàidheal ". Sgrìobh e na litreachan an seo: https://dl.dropbox.com/u/5730322/GaelicReferendum.pdf

Tha mi eadar dà bharail. Bu chòir Gàidhlig a bhith cleachdadh ann an taghaidhean coitcheann, ach tha mi nam bheachd gum bi e nas fhearr sin a toiseachach le Riaghaltas ùr is neo-eisimleach. Tha eagal orm gun call sinn bhòtan airson neo-eisimleachd na h-Alba sa Galltachd. Ach air taobh eile, tha fios agam, a-rèir suirbhidh air bheachdan naiseanta, faisg air dà bhliadhna air ais, gu bheil taic ann airson Gàidhlig bhon a' mhòr-chuid na poblach, agus 's dòcha, bu chòir sinn Gàidhlig chleachdadh. Tha e doirbh dhomh a' c uir romhad! 'S docha bidh mi nas soilleir a-maireach is Didomhnaich às dèidh cothrom a bhruidhinn ri muinntir ann an Inbhir Nis.

Tùsan: 


Sunday, 17 March 2013

Co-labhairt airson Oileanaich Ceilteach



Nuair a bha mi deiseal leis an greis-gnìomhachais agam ann an Inbhir Nis, chaidh mi sìos do Dhùn Èideann feasgar Dihaoine airson co-labhairt an ath latha aig Oilthigh Dùn Èideann.

Bha mi a' leantainn Iomairt Sgoil Eòlais na h-Alba ann an Dùn Èideann agus bha mi airson a chur taic ris an iomairt seo. Chuir mi mo ainm ris an athchuinge nuair a chunnaic mi ceangal air Facebook. Dh' ionnsaich mi an-dèidh gun cur 'An Comunn Cheilteach' a' Chiad Co-labhairt airson Oileanaich Ceilteach seo air dòigh a chur taic ris an Iomairt Sgoil Eòlais na h-Alba. 

Fhuair mi fiosrachadh mu dheidhinn an co-labhairt mìos air ais agus bha mi airson pàirt a' gabhail, gun teagamh - a dhol agus a dh'èisteachd ris na pàipearan. Ma tha e freagarrach, tha mi airson pàipear a' sgrìobhadh airson co-labhairt an ath-bhliadhna, 's docha mu dheidhinn cleachdadh nam Meadhanan Sòisealta ann an Gàidhlig no air fèin-leasachadh airson coimhearsnachdan Gàidhlig, no cò aig a tha fios! Bha mi nam bheachd gum bhiodh e math dìreach a bhi bhith am bliadhna.

Ràinig mi ann an Dùn Èideann mu còig uairean agus thug mi tacsi gu flat aig Stiùbhairt, far an robh mi a' fuireach airson dà oidhche. Feumaidh mi ràdh gu bheil mi glè thaingeil dhà airson a' toirt àite dhomh fo a chabar.

Chaidh sinn a-mach na h-oidhche siud, agus às dèidh dìnnear anns 'The Library', choinnich sinn muinntir bho Èirinn, a' Chuimrigh, an t-Eilean Mhanainn, Alba (gu dearbh) agus fiù 's an Òlaind ann an Captain's Bar air Sràid Colaiste a Deas! 'S e icebreaker a bh' ann mus toisich an co-labhairt, agus fhaigh mi e glè feumail is spors. 'S e deagh bheachd a bh' ann gun teagamh!

Fàilte!


n ath latha, dhùisg mi tràth agus chaidh mi air a' bhus don Oilthigh Dùn Èideann còmhla ri Stiùbhairt chun a' cho-labhairt. Bha e math aodainnean ùra is seann dh'fhaicinn - bha a math a bhith a' bruidhinn ri Wilson McLeod airson a' chiad àm! Bha 40 oileanaich ann agus luchd-obrach. Thoisich an co-labhairt rud beag anmoch air sgàth gun deach an dealan dheth air feadh an sgìre EH1! Dh' èisteachd sinn ri triùir nach robh feum airson taisbeanadh-dealain dhèanamh agus an dèidh srùbag, chaidh sinn gu togalach ùr far am fuirich sinn airson an latha.

Bha an latha trang le daoine is gnothach



Chaidh dusan pàipearan air leughadh a-mach tron an latha air mòran cuspairean. Seo eisimpleirean:
  1. ‘Awdl delynegol at beroriaeth’: A musical interpretation of T. Gwynn Jones’ Tir na N-Óg. Le Elen Ifan - Bangor University.
  2. ‘The Life and Legacy of Henry Morris’. Le Conal Mac Seáin - University of Ulster.
  3. ‘Gwyn ap Nudd and Finn mac Umaill: Divergent Development of Two Related Characters’. Le Angelika H. Rüdiger - Bangor University.
  4. ‘Welsh language maintenance beyond the classroom: self-sufficiency for the next generation’. Le Abigail Ruth Price - Bangor University.
  5. ‘Writing at the Crossroads: Interactions between Scottish Gaelic and Scandinavian and Icelandic Literature’. Le Duncan Sneddon - University of Oxford.

Bha iad uile gu math inntinneach agus thug e misneach dhomh gum bi e comasach mi-fhèin tracas dhèanamh san t-àm ri teachd agus bheil fios agam a-nis gu bheil lìonra ann airson taic is beagan brosnachadh!

Chuala sinn òraid bho Iain Mac Aonghais a bha ann mar aoigh. Dh' innse e dhuinn sgeulachdan Gàidhlig gu leòr bho Tobar an Dualchais, am pròiseact rannsachaidh a dh'obrachadh e air airson bliadhnaichean.

Dr. Iain Mac Aonghais

Às dèidh an co-labhairt, chaidh mi do Summerhall don tachartas aig Irish Pages airson greiseag còmhla ri Chrìos, Paulus is Erin; Iain Mac Aonghais is Wendy. Nuair a bha sinn ann, bhruidhinn mi ris a' bhàrd, Aonghas MacNeacail - 's toil leis an geansaidh 'Gàidhlig' agam a cheannaich mi bho Sabhal Mòr Ostaig! Fhuair sinn lethbhreac an-asgaidh dhen Irish Pages cuideachd!

Dh' ith sinn dìnnear ri chèile ann an Summerhall an dèidh beagan ceòl mòr aig na pìoban. Ghabh sinn Irish Stew le pinnt Guinness air sgàth gu bheil Là Naomh Pàdraig an ath latha agus bha e cuspaireil cuideachd! Bha cothrom gu leòr a bhruidhinn ri cheile, agus an uair sin chaidh sinn a-mach dhan thogladh Teviot airson deochan mu dheireadh mus dh'fhalbh a h-uile duine.

Chòrd an deireadh na seachdain rium agus h-uile duine eile gu leòr.

Thachairt coinneamh bhliadhnail aig Association of Celtic Students of Britain and Ireland air an aon latha cuideachd. Bha deasbad ann a thaobh na bonn-stèidh ùra, agus bha bòrd ùr a chur air dòigh. Chaidh mi-fhèin a-steach mar bull àbhaistich, agus bidh mi a' riochdairadh OGE agus a' toirt cuideachadh is comhairle don sgioba ùr a chur air dòigh an ath cho-labhairt ann an Aberystwyth anns a' Chuimrigh. Tha mi a' coimhead air adhart a bhith ag obair leis an sgioba seo agus a' leantainn an obair math a rinn An Comunn Cheilteach airson am bliadhna.