Showing posts with label alba. Show all posts
Showing posts with label alba. Show all posts

Friday, 22 March 2013

Bile an Reifreinn agus cleachdadh na Gàidhlig - Gairm fianais

Diardaoin, 21.03.2013. Seo an latha a chur Nichola Sturgeon ainm ri Bile an Reifreinn. 'S e ceum mòr  air adhart gu dearbh, ach chan e lagh a th' ann am bile seo fhathast ge-tà!

Tha Comataidh Bile Reifreinn (Alba) aig Pàrlamaid na h-Alba ris a bheil e an urra sgrùdadh a dhèanamh air an reachdas gus reifreann air neo-eisimeileachd a chumail ag iarraidh fianais mun Bhile.


Ma tha beachd agaibh air an cuspair seo, seo cothrom dhut! Tha an comataidh seo a’ sireadh bheachdan air a’ Bhile an-dràsda gus an 6mh latha dhen Ògmhios 2013.

Bhiodh e math fianais sgrìobhte ann an Gàidhlig fhaicinn. Agus gu h-araid a leughadh beachdan air cleachdadh na Gàidhlig airson na Reifreinn an ath bhliadhna.

Leugh mi na beachdan aig Art Cormack air Facebook. Thuirt e:

 "Bha mi caran leisg a dhol an sàs san deasbad seo ach tha mi den bheachd gur e gnothach cudromach a th' ann don Ghàidhlig agus còirichean nan Gàidheal ". Sgrìobh e na litreachan an seo: https://dl.dropbox.com/u/5730322/GaelicReferendum.pdf

Tha mi eadar dà bharail. Bu chòir Gàidhlig a bhith cleachdadh ann an taghaidhean coitcheann, ach tha mi nam bheachd gum bi e nas fhearr sin a toiseachach le Riaghaltas ùr is neo-eisimleach. Tha eagal orm gun call sinn bhòtan airson neo-eisimleachd na h-Alba sa Galltachd. Ach air taobh eile, tha fios agam, a-rèir suirbhidh air bheachdan naiseanta, faisg air dà bhliadhna air ais, gu bheil taic ann airson Gàidhlig bhon a' mhòr-chuid na poblach, agus 's dòcha, bu chòir sinn Gàidhlig chleachdadh. Tha e doirbh dhomh a' c uir romhad! 'S docha bidh mi nas soilleir a-maireach is Didomhnaich às dèidh cothrom a bhruidhinn ri muinntir ann an Inbhir Nis.

Tùsan: 


Sunday, 23 September 2012

Dùn Èideann: Caismeachd is Railidh airson Neo-eisimeileachd na h-Alba 2012

Fhuair mi liofta a Glaschu bho an t-Eilean Sgìtheanach (tapadh leibh do Mharcas, a mhàthair is Bernadette!). Bha mi ann an Glaschu aig 6f agus choinneach mi neach-obrach aig Cànain airson greiseag mus do dh'fhalbh mi air an trèana.  Chunnaic mi sin:

Sanas-reic airson Seachdain nam Meadhanan Sòisealta Ghlaschu
Ràinig mi ann an Dùn Èideann oidhche Haoine. Bha mi a' fuireach aig an ostail seo faisg air Sràid a' Phrionnsa. Tha 'Fàilte gu Alba' sgrìobhte air a' bhalla! 

Fàilte gu Alba!
An ath latha choisich mi do Na Faichean air slighe na chaismeachd. Cheannaich mi lòn mus do ràinig mi ann.

Tha na Geamaichean air criochadhadh; tha iomairt airson neo-eisimeileachd air toiseachadh
Bha mi nam stiùbhard agus choinnich mi an cèile agam. Bha sinn ann an Sgioba 2. Bha sinn aig toiseach an caiseameachd.

Mi-fhèin agus Morgwn
Chunnaic mi caraidean bho Ghlaschu is Dùn Dè

Seo Friseal!

Seo Màrtainn, a charaid agus mi-fhèin
Dealbhain a' chaismeachd a' dol do Garraidhean a' Phrionnsa:




Dealbhain na rallaidh:









Chuannaic mi seo aig a' bhuird aig CND na h-Alba


Agus choinnich mi luchd-poileatigs cuideachd!


 Ailig Salmond, BPA 



Coinneach MacAskill, BPA


Linda Fabiani, BPA

 Angus MacDonald, BPA

Derek Mackay, MSP


Dealbhain eile:


 Luchd-taice bho Venice:


Mi-fhèin còmhla ri còmhlan-ciuil Clanadonia:
www.clanadonia.co.uk
'S fhèarr leam an dealbh sin. Faic seo air Facebook.Thug mi e mu 4f nuair a bha mi a' bruidhinn anns a' Ghàidhlig leatha agus dà nighean eile. Bha mi cho toilichte Gàidhlig fhaicinn agus chluintinn aig an rallaidh. Nam bheachdsa, tha Gàidhlig pàirt mòr a chluich ann an Alba neo-eisimeileach. 'S math a rinn thu, a Chatriona! Dìreach sgoinneil! 

Catriona Young às an t-Òban