Showing posts with label Oilthigh Ghlaschu. Show all posts
Showing posts with label Oilthigh Ghlaschu. Show all posts

Friday, 22 March 2013

Mo chiad thuras aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis


Tha mi dìreach air ais bhon a' chiad choinneamh agam aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis. Cha robh dùil agam a bhith ann fiù 's, ach chaidh mi ann agus chòrd e rium gu leòr.

Nise, anns a' chiad dà bhliadhna aig Oilthigh Ghlaschu, bha mi a cleachdadh na leabhraichean a thig às an Comunn seo. Chleachd mi iad airson aistean a sgrìobhadh agus beagan rannsachadh a dhèanamh - agus a bhith gu math onarach, aig an t-àm sin bha mi a' smaointinn gun robh iad gu math tioram - mar a mhòr-cuid na stuth leughadh, mar 's gum biodh!

Ach a-nochd, bha mi an sàs ann an oidhche far an robh an aon seòrsa òraid ann agus bha mòran duine ann aig a bheil ùidh ann an dè thuirt Cailean MacIlleathain a thaobh 'Soitheach nan Daoine'. Bha sinn ag èisteachd agus bha sinn a' faighneachd ceistean a thaobh an cuspair seo is òraid. Thàinig am pìos sgrìobhadh seo beò! 

Agus bha mi a' smaointinn gu bheil airson gach aiste no 'transaction' anns na leabhraichean aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis, nuair a bha iad leughadh a-mach - bha iad a' tighinn beò air nan oidhcheannan siud cuideachd. 

Anns na bliadhnachan a' tighinn, bi oileanaich eile a' leughadh mu dheidhinn 'Soitheach nan Daoine', an oidhche seo, 's mar sin, thàinig mi dhan cho-dhùnadh nach eil nan aistean cho tioram mu dheireadh thall!

Thàinig e a-steach orm cuideachd gum bi mi-fhèin, mar phàirt an sgioba nas motha, a' dèanamh an aon seòrsa rud ('s dòcha) a thaobh na pàipeirean a bha leughadh a-mach aig deireadh na seachdain seo ann an Oilthigh Dhùn Èideann aig a' Cho-Labhairt airson Oileanaich Cheiltich.

Làrach-lìn aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis: http://gsi.org.uk/

Sunday, 23 December 2012

Leabhraichean-d Gàidhlig

Ìmpireachd (Scottish Gaelic) By: Iain F. MacLeòid
luchdachaidh a-nuas
Bha mi airson leabhraichean ùr leughadh air mo thablaid an-uiridh. Dh'fheitheamh mi 14 mìosan gus cheannaich mi a' chiad leabhar-d agam. B' urrainn dhomh sin dhèanamh aig www.kobobooks.com agus cheannaich mi Ìmpireachd, an leabhar a leugh mi an-uiridh aig oilthigh, ach 's e leabhar fìor mhath a th' ann, nam bheachdsa. Tha leabhraichean-d Gàidhlig eile cuideachd aig Kobo Books.

luchdachaidh a-nuas
luchdachaidh a-nuas
luchdachaidh a-nuas
luchdachaidh a-nuas

'S e leabhar Ùr-Sgeul a th' ann an Ìmpireachd. Chuala mi aig co-labhairt gun deach pròiseact Ùr-sgeul a dùnadh am-bliadhna, agus a rèir Fòram na Gàidhlig, chaidh an làrach aig Ùr-Sgeul a dùnadh ann an 2011. Gu mì-fhortanach airson cuid ùghdaran, cha bhi gach leabhar a' tighinn a-mach mar leabhar-d a rèir na cùmhnantan aca. Ach chan eil e neo-chomasach a chur gach leabhar bho sreath Ùr-Sgeul air loidhne.  Bu choir Comhairle nan Leabharichean a bhith ag obair leis na ùghdaran airson sin a dhèanamh is leabhraichean-d a dhèanamh.



San Damhair 2011, Rinn mi am film seo. Bha mi a' gearain air Facebook mu dheaidhinn dìth na leabhraichean-d ann an Gàidhlig. Sgrìobh mi: 



Why is it I can buy a book that's over 100 years old really easily from the Internet, and I can't buy a modern book - that I need to read for my degree - anywhere in the world? Why aren't Gaelic books available to download to my Kindle? Get it sorted!!!

'S toil ·  ·  · Co-roinn · Edit · 18 October 2011

Ma bhios Oilthigh Ghlaschu a' cleachdadh "An Oidhche Mus Do Sheol Sinn" an ath bhliadhna, am bi an leabhar seo ri làimh?


'e-book' air 'An Seotal'

Mìneachadh ann an An Seotal airson 'e-book' - www.anseotal.org.uk


Tuesday, 29 November 2011

Mo-vember san t-Samhain aig Oilthigh Ghlaschu!

Tha mi a' faicinn moran duine aig Oilthigh Ghlaschu le stais orra! Lorg mi gur e Mo-vember a th' ann an am mios seo. 'S e iomairt a th' ann airson carthannas air feadh an RA.

Tha da dhuine aig 'Roinn' na Gaidhlig is Ceiltis a' gabhail pairt comhla ri oileanaich is luchd-obrach eile. Seo Michel Byrne is Nicola Carty (Soillse) san dealbh seo.

Tha Nicola aig ceann an liosta airson compairtaiche an iomairt. Carson nach eil gabh taic oirre a leantainn a bhi sna priomh aite! Seo ceangal: uk.movember.com/mospace/2158370/

An uiridh rinn Seumas MacPharlan an aon rud agus rinn e torr airgead airson an catharnnas seo cuideachd.


Tuesday, 20 September 2011

Oilthigh a-rithist!

Thoisich mi air ais aig oilthigh an-de. Tha mi san treasamh bliadhna a-nis agus tha mi a' deanamh clasaichean tron meadhanan Gaidhlig. Rinn mi clas litreacheas (an leabhar Gaidhlig) agus clas sgilean is canan an-de. An-diugh, rinn mi clas litreachas eile (an nobhail Gaidhlig) agus clas introductory ann an Gaidhlig na h-Eireinn. Chaidh mi dhan da chothrom comhraidh cuideachd- aon an-de agus aon sa mhadainn. Chan eil clas agam a-maireach ach bidh slighe-dealbhaidh ann aig 2f mar phairt an t-iomairt 'Gaidhlig aig Oilthigh Ghlaschu'. Tha mi cinnteach gum bi sin sporsail.

Sunday, 11 September 2011

Seachdain sa chaidh

An seachdain sa chaidh rinn mi cursa Ulpan mar phairt dhen phrogram Gaidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. Rinn sinn aonad Ulpan le Fiona Dunn, clas sonraichte (mar clas a' seinn le Linda NicLeoid, seisean fhiosrachaidh le Fiona agus clasaichean drama le Daibhaidh Walker) agus clas comhraidh gach latha, Diluain gu Dihaoine.

Chaidh mi feasgar Diciadain dhan failteachas aig Glaschu Beo airson leathbhreacan na cuairt-litir ur (am Foghar). Leugh mi copaidh air an treana nuair a thill mi dachaigh agus chunnaic mi an dealbh agam!

Bha mi ag obair gu math cruadh air tachartasan airson seachdain nam meadhanan soisealta ann an Glaschu. Tha mi a' coimhead air adhart chun an oidhche a' seinn le Gillebride MacMillan agus cairdean. Tha mi gu math nerbheis co-dhiu. S' e undertaking mor a th' ann.

Oidhche Shathairne chaidh mi dhan CCA airson Ceol is Craic. Bha oidhche gu math sporseil!