Sunday, 23 September 2012

Dùn Èideann: Caismeachd is Railidh airson Neo-eisimeileachd na h-Alba 2012

Fhuair mi liofta a Glaschu bho an t-Eilean Sgìtheanach (tapadh leibh do Mharcas, a mhàthair is Bernadette!). Bha mi ann an Glaschu aig 6f agus choinneach mi neach-obrach aig Cànain airson greiseag mus do dh'fhalbh mi air an trèana.  Chunnaic mi sin:

Sanas-reic airson Seachdain nam Meadhanan Sòisealta Ghlaschu
Ràinig mi ann an Dùn Èideann oidhche Haoine. Bha mi a' fuireach aig an ostail seo faisg air Sràid a' Phrionnsa. Tha 'Fàilte gu Alba' sgrìobhte air a' bhalla! 

Fàilte gu Alba!
An ath latha choisich mi do Na Faichean air slighe na chaismeachd. Cheannaich mi lòn mus do ràinig mi ann.

Tha na Geamaichean air criochadhadh; tha iomairt airson neo-eisimeileachd air toiseachadh
Bha mi nam stiùbhard agus choinnich mi an cèile agam. Bha sinn ann an Sgioba 2. Bha sinn aig toiseach an caiseameachd.

Mi-fhèin agus Morgwn
Chunnaic mi caraidean bho Ghlaschu is Dùn Dè

Seo Friseal!

Seo Màrtainn, a charaid agus mi-fhèin
Dealbhain a' chaismeachd a' dol do Garraidhean a' Phrionnsa:




Dealbhain na rallaidh:









Chuannaic mi seo aig a' bhuird aig CND na h-Alba


Agus choinnich mi luchd-poileatigs cuideachd!


 Ailig Salmond, BPA 



Coinneach MacAskill, BPA


Linda Fabiani, BPA

 Angus MacDonald, BPA

Derek Mackay, MSP


Dealbhain eile:


 Luchd-taice bho Venice:


Mi-fhèin còmhla ri còmhlan-ciuil Clanadonia:
www.clanadonia.co.uk
'S fhèarr leam an dealbh sin. Faic seo air Facebook.Thug mi e mu 4f nuair a bha mi a' bruidhinn anns a' Ghàidhlig leatha agus dà nighean eile. Bha mi cho toilichte Gàidhlig fhaicinn agus chluintinn aig an rallaidh. Nam bheachdsa, tha Gàidhlig pàirt mòr a chluich ann an Alba neo-eisimeileach. 'S math a rinn thu, a Chatriona! Dìreach sgoinneil! 

Catriona Young às an t-Òban

Thursday, 20 September 2012

Na Meadhanan agus Na Geamannan Parailimpeach


Seo a' chiad pìos obair-dachaigh a rinn mi sa chlas sgrìobhadh agam am-bliadhna. Ma tha beachd sam bith air sin bhiodh e math a chluintinn bhuat.


Na Geamannan Parailimpeach[1]
Na Meadhanan

Cha do choimhead mi na geamaichean seo ach chunnaic mi na Geamannan Oilimpeach. Chunnaic mi fosgladh nan Geamannan Parailimpeach ach bha cus sanasan-reic ann air mo shon. Nuair a bha mi a’ smaointinn air sin, thàinig e a-steach orm nach eil na Geamannan Parailimpeach aig an aon ìre mar na Geamannan Oilimpeach. Gun teagamh, bha iad ann an clas ìochdarach agus chan eil sin math gu h-àraid a thaobh co-ionnannachd!

Cha do leugh mi mòran a thaobh a’ chuspair seo sa Ghàidhlig. Anns an iris làithreach de Chothrom, leugh mi pìos beag anns an ro-ràdh le DJ aig Clì Gàidhlig – ach bha e ag ràdh gu bheil na planaichean Gàidhlig ann an Alba mòran nas cudromaiche! Cha robh alt sam bith air a sgrìobhadh le Naidheachdan BBC; no ann am blog politigeach aig Niall O’ Gallagher; no fiù ’s ann am blogaichean Gàidhlig eile air an eadar-lìon.

Cha chuala mi mòran air an radio no air an telebhisean sa Ghàidhlig mu na geamannan seo. Chuala mi dìreach dà phrògram aig Coinneach MacÌomhair air Radio nan Gàidheal agus bha e bruidhinn mu na tachartasan seo [2].Bhruidhinn Coinneach mu na Geamannan Parailimpeach air ceathramh is siathamh an t-Sultain airson cairteal uair gach àm. Leth uair gu lèir, agus bha Coinneach ann an Lunnainn aig a’ Phàirc Oilimpeach airson aon gu trì seachdain! Nam bheachdsa, cha robh sin gu leòr.

Dealbh: Còir Lethbhreac  a' Chrùin
A thaobh nam meadhanan Gàidhlig, shaoilinn gum bhiodh e nas fhèarr mòran Gàidhlig a chleachdadh ann an aithrisean mu tachartasan mòra eadar-nàiseanta. Tha mi a’ smaointinn gu bheil seo gu math cumhang a thaobh leasachadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd. Tha na meadhanan Gàidhlig gu math leisg a thaobh naidheachd is tachartasan a tha a’ tachairt air feadh Alba, na Roinn Eòrpa ’s an t-saoghal. Carson nach robh prògraman sònraichte ann mar ‘Trusadh’ no Eòrpa mu na geamaichean seo? Bha fhios againn fad ceithir bliadhna gun tigeadh iad gu Lunnainn! Bha Lunnainn 2012 na deagh cothrom a chleachdadh Gàidhlig agus a tharraing tòrr luchd-amhairc chun a’ chànain ach mar as àbhaist cha do bhuain buidhnean Gàidhlig maorach fhad is a bha an tràigh ann. Mo nàire orrasan!



[2] 04/09/12 – Aithris air na Geamannan Parailimpeach ann an Lunnainn còmhla ri Iain Macleòid, beatha Sun Myung Moon agus beachd air cò a bu chòir a-dhol na àite agus dè na dùbhlain a tha aig clann a tha ciorramach a tha ri spòrs; 06/09/2012 -  A' cuimhneachadh air prògraman Telebhisean as na h-ochdadan, aithris bho na Geamannan Parailimpeach ann an Lunnainn còmhla ri Iain Macleòid, Chrissie Lawson a' toirt iomradh air na h-Albannaich a rinn dachaigh anns an Abhainn Dhearg ann an Canada agus an t-seachdain seo se Niall Iain Dòmhnallach a bhios a' rannsachadh Tasglann Phàipearan Naidheachd Bhreatainn.

Sunday, 12 August 2012

Experiencing Scottish Gaelic at the Olympics

Making sure that Scottish Gaelic played a part in the Greatest Show on Earth is one my best achievements to date in the promotion of the language. I did not have to think twice about it, I just did it.

I started by creating posters in Scottish Gaelic welcoming London 2012 to Glasgow: “Tha Glaschu a‘ cur fàilte air Lunnainn 2012”. They were displayed at the fleet driver training events in the Hilton and were noticed by around 100 Games Makers from all over the UK and as far afield as Latvia and Greece. The Greek and several English Games Makers commented on the posters and took an interest in how Scottish Gaelic plays an important part in Scottish life and more specifically in Glasgow.

My next use of the language was to include a signature line of my name and job title in my Emails. This had a significant impact. It created awareness of Scottish Gaelic and impacted on various people from across the UK: Glasgow, Newcastle, Manchester, Coventry, Cardiff, Weymouth and London.  I recognised that although English and French are the official languages of the Olympic Games, there is no reason whatsoever that any other languages cannot be used in a working capacity.

My other use of the language was to include it in my daily newsletters. From the traditional “Ceud Mìle Fàilte” to the hybrid name of our EuroMillions Lotto Syndicate “Olympiado Ghlaschu”. The newsletters were well read and collected as Games souvenirs. These will have a lasting impact. My own wee legacy for the Games and Scottish Gaelic.

On reflection, I have to wonder why I do not see Gaelic more than I do. It does not take much effort. I only tend to find Scottish Gaelic in places where I would expect to see it. I have yet to be surprised by seeing the language somewhere unexpected or in a context where I have thought “now that was clever”!

Sunday, 10 June 2012

Deagh oidhche aig CCA a-raoir!

Bha mi sgith ach dh'innse dhomh a dhol chun a' cheilidh sa CCA. S e oidhche a bh' ann a bha cuir air doigh le Evin is Conradh na Gaeilge Ghlaschu. Agus rinn e obair math!

Bha ceol is bardachd ann. Bha am bardachd air leughadh a-mach mar dain is orain ann an Gaidhlig, Gaeilge is Beurla. Bu thoil leam leughadh bho Alison mun chat agus dan a bha leughadh a-mach comla ro ceol chlarsach.

Chunnaic mi gun robh moran misneachd leis na sgriobhadairean Eireinnach a bhruidhinn fad an tide gun cleachdadh Beurla. Bha eadar-theangaiche ann ach bha e torr nas nadaire. Tha mi an dochas gum bi e mar sin airson Gaidhlig na h- Alba. Ann an Glaschu at least! Nam bheachdsa 's e rud nas fhearr son luchd-ionnsachaidh an seo mar mi-fhein. Tha moran misneachd son Gaidhlig ann an Glaschu agus son a' chanan chleachdadh.

Bha deagh oidhche dhomhsa gu h-araidh airson comais (comparison) dheanamh eadar na da chanan.





Oidhche Ardaoin


Oidhche Ardaoin

A bheil thu ag iarraidh deoch?
Deoch no dhà a-mhain.
Carson nach eil?
Ach, nach eil Freeview + agad?
Tha iPlayer is 4OD ann cuideachd.
Dìreach aon deoch –
‘s  a bhruidhinn beagan Gàidhlig.
Aig Taigh Osda Earra Gàidheal.
Seadh, tha cèilidh ann.
Uill fuirich!
Tha mi air falbh.

An urrainn dhut gam cuideachadh?


An urrainn dhut gam cuideachadh?

Tha mi ro thrang –
Tha mi ‘g obair.

Tha mi duilich!
Nis – mach a-seo!

O mo chreach!
Dè?

Chan eil mi gad chreidsinn –
Chan eil mi ach aon duine!

Dè? Murt!
Chan eil thu gam thuigsinn idir.

Tha feum agam air tìde –  
Air àm airson R&R.

Tha feum agam air telebhisean –
Air irisean mun celebrities!

Tha feum agam air deoch aig an taigh –
Botal fìon no tri gach seachdain.

Chan eil m’obair furasta –
’S e obair stressful a th’ ann.

Bheil thu gam thuigsinn a-nis?
Och! Dè eile?

Eist: I have no time for Gaelic!
Idir!

Nis, Mach a seo!
Thalla!

SU 10.06.2012, Glaschu

Monday, 16 April 2012

Beag air FirstBus

A' fuireach ann an Glaschu 's
A' gabhail am bus aig First
A h-uile latha, gach latha is mìos -
A' ken, there's nothing worst!