Showing posts with label Glaschu. Show all posts
Showing posts with label Glaschu. Show all posts

Tuesday, 27 November 2012

Bhuannaich sinn Farpais-Cheist Taigh Seinnse Glaschu


Abair oidhche!

Bhuannaich an sgioba agam farpais-cheist taigh seinnse aig Taigh Òsta na Pairce ann an Glaschu a-nochd! Meal ar naidheachd: Fearchar, Ciaran is Lily! Ghabh mi drama Talisker ga chomharraich!

Bidh an ath cho fharpais Oidhche Mhàirt 18mh Dùbhlachd aig 7:30f. Tha e a cosg £2 gach neach a bhith an sàs agus tha duaisean ann airson an sgioba anns a’ chiad agus an dàrna àite. Tha barrachd air fiosrachaidh aig làrach-lìn Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu.

Taigh-òsta na Pàirce, 1194-1202 Sràid Earra-Ghàidheal, Glaschu, G3 8TE


Wednesday, 3 October 2012

Seachdain nam Meadhanan Sòisealta Ghlaschu 2012

Thachairt Seachdain nam Meadhanan Sòisealta ann an Glaschu eadar 24mh is 28mh an t-Sultain 2012.

Bha co-fharpais litreachais a' ruith fad an seachdain, agus thagh Alison Lang is Marcas Mac An Tuirneir buannaich. Bha taisbeanadh ann cuideachd bho sgoilear aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus bha pannail deasbaid ann a bhruidhinn air Gàidhlig agus  nam Meadhanan Sòisealta.
Tim, Seumaidh agus Daniela

Bha mi toilichte a bhi 
an sàs an Seachdain nam Meadhanan Sòisealta am bliadhna agus tha mi glè thaingeil gu Tim Wright agus Daniela Castrataro aig TwinTangibles airson a' cur cuireadh dhomhsa aig toiseach a' bhliadhna a ghabail pàirt mar riochdaire airson a' choimhearsneachd Gàidhlig.

Ro-Ràdh

Thug mi òraid beag mar ro-ràdh anns a' Ghàidhlig. Cha robh an gràmair agam glè cheart ach dh'fheuch mi mar is fhearr a dh'fhaodas mi. Seo am pìos a leugh mi a-mach:

Fàilte chridheil agus mòran taing do a h-uile duine a tha an seo airson ar tachartasan Gàidhlig aig Seachdain nam Meadhanan Sòisealta ann an Glaschu am bliadhna - 2012. 

Nuair a thoisich mi Meetup Gàidhlig Ghlaschu ann an 2009, cha creidsinn gu bheil mi làitheil - an seo - còmhla ribhse agus ann an compàirteachas le caochladh duine is buidhnean le Gàidhlig no aig a bheil ùidh anns a’ cànan is cultur Albannaich, air àrd-ùrlar mòr a’ dèanamh tachartasan Gàidhlig beò, air loidhne ann an Glaschu – am baile mòr. Nam bheachdsa, ’s e rud cudromach a th’ ann agus tha e na puing taisbeanach gu bheil Gàidhlig beò, gu bheil ar cànain a’ fàsadh agus gu bheil ùidh gu leòr sa teanga, a chumail e a’ dol le misneach airson an t-àm ri teachd. 

Agus a thaobh an t-àm ri teachd, ’s e rud na cudromaiche gu bheil sgoilearan is oileanaich òg an sàs an mar a tha ar cànan dol air adhart. Seo an adhbhar a thoisich mi am pròiseact “Glaschu 2012” le Gillian Dick, neach-gnothaich soirbheachail à Ghlaschu. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil e cudromach an-diugh a thoirt iad stiùireadh is cothroman a chleachdadh na Meadhanan Sòisealta ann an Gàidhlig, taobh a-muigh na sgoiltean, na colaistean is nan oilthighean le misneach a bhrosnaich ar cànan bhrèagha. Tha sinn ag iarraidh a chumhachgachadh is ùghdarachadh ar daoine òg. Tha sin-se am prìomh amas na pròiseact.

Mar am facas tu, tha ùidh fìor mhòr agamsa Gàidhlig àrdachadh don a’ phoblach coitcheann agus tha mi nam bheachd gu bheil na meadhanan sòisealta deatamach sna làithean-sa son Gàidhlig a chuir air adhart.

Com-pàirtichean  
Tha tachartasan sònraichte an-diugh. Tòisichidh sinn le taisbeanadh bho Sheòras Costford às an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air a ghreis-obrach anns na Meadhanan Sòisealta. An uair sin, bidh pannail deasbad air “Gàidhlig agus Na Meadhanan Sòisealta”. Às dèidh sin aig 4.00f, bidh sinn a-faighinn a-mach cò tha bhuannaich an co-fharpais litreachail “An Litir Glè Bheag”.

Tha mi an dòchas gun còrdaidh ribh na tachartasan seo agus gum bi thu a’ gabhail pàirt is a’ cuir na dranndan (no Tweets) le #SMWGlaschu2012, a’ dèanamh postaichean air Facebook no fiù ’s a’ sgrìobhadh pìos air do bhlog.

Taisbeanadh is Pannail Deasbaid

Às dèidh an ro-ràdh agam, thug Seòras Costford, sgoilear aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, taisbeanadh air a ghreis-obrach aig Taigh Chailleann anns a’ bhaile mòir le tè-ghnothaich Gillian Dick.  Bhruidhinn e air a obair ann an Gàidhlig air an làrach-lìn mi-oifigeil “Glaschu 2014” – làrach-lìn ann an Gàidhlig is Beurla airson Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann an dà bhliadhna.

Pannail Deasbaid
Leantainn pannail deasbaid a bhruidhinn air Gàidhlig is cleachdadh na Meadhanan Sòisealta. Thug Alasdair McCaluim, Alison Lang, Gillian Dick, Seumaidh Uallas, Gabhan McGowan agus Seòras Costford pàirt ann an tachartas seo agus thug iad na beachdan aca air a’ chuspair seo. Bhruidhinn iad air cleachdadh na Gàidhlig, feum airson Apps ann an Gàidhlig, leabhraichean-dealain, Blogging agus cleachdadh na Meadhanan Sòisealta ann an sgoiltean.

Tweetaichean bho Lorna M. Nic Chaimbeul
Sgrìobh Lorna Nic Chaimbeul Tweetaichean air an taisbeanadh seo agus 's urrainn dhuinn gearr-chunntas faicinn air bha sinn ag ràdh. 

’S e latha cudromach a bh’ ann airson Gàighlig an-diugh. Bha Gàidhlig air àrd-ùrlar air feadh an t-saoghal; agus aon rud nas inntinneach ge-tà a tha nach robh na tachartasan seo a’ tachairt anns a’ Ghàidhealtachd no san eileanan ach ann an Glaschu – Baile mòr nan Gàidheail!



Co-Fharpais: An Litir Glè Bheag

Na breitheamhan: Marcas Mac An Tuirneir agus Alison Lang
Leugh Alison Lang agus Marcas Mac an Tuirneir a-mach roghainn den litrichean glè bheag (no Tweetaichean) a fhuair sinn a-steach. Bhuannaich David Eyre a Glaschu leis an litir glè bheag seo:





A reir na breitheamhan, tha bàrdachd am follais an seo agus tha e gu math freagarrach airson an fhoghair cuideachd. Bhuannaich Daibhaidh Kindle E-Reader.

Mòran Taing

Bu thoil leam ag ràdh MÒRAN TAING is TAING MHÒR do gach neach a gabhail pàirt anns an seachdain sonraichte seo. Rinn sinn obair math airson Gàidhlig.

Sunday, 10 June 2012

Oidhche Ardaoin


Oidhche Ardaoin

A bheil thu ag iarraidh deoch?
Deoch no dhà a-mhain.
Carson nach eil?
Ach, nach eil Freeview + agad?
Tha iPlayer is 4OD ann cuideachd.
Dìreach aon deoch –
‘s  a bhruidhinn beagan Gàidhlig.
Aig Taigh Osda Earra Gàidheal.
Seadh, tha cèilidh ann.
Uill fuirich!
Tha mi air falbh.

Monday, 16 April 2012

Beag air FirstBus

A' fuireach ann an Glaschu 's
A' gabhail am bus aig First
A h-uile latha, gach latha is mìos -
A' ken, there's nothing worst!

Friday, 9 March 2012

Deagh Oidhche aig Cuirm nan Duaisean FilmG 2012

Tha mi air an t-slighe dhachaigh air sgath gu bheil mi ag obair anns a' mhadainn ach bha tachartas math ann an Glaschu aig an Old Fruitmarket.

Chord riumsa am film aig Sgioba Drama Uibhist - A' Pharlamaid agus tha mi toilichte gum bhuannaich iad duais a-nochd.

Bha duil agam air duais son film aig Alison Lang ach cha robh duais sam bith ann. 'S e film uabhasach math is eachdrail a bh' ann.

Cha robh mi-fhein builleach cinnteach mu dheidheinn am film a bhuannaich 3 no 4 duaisean airson co-fharpais FilmG. Bha seorsa film am faic thu aig Feis nam Meadhanan Ceilteach aig ire nas airde. 'S e film math a th' ann ge-ta.

Anns na dealbhain: mi-fhein, Graeme is Lindsay aig Coinneachadh (Meetup) Ghaidhlig Ghlaschu, Jack a' cho-stiuireadh am film agam fhein agus mo mhathair is sheanmhathair. Bha mi airson a thoirt cothrom gu mo theaghleach bho Lios MoChuda oir nam bheachdsa 's e cudromach a tha fios aca beagan air an t- saoghal Ghaidhlig gu h-araid air sgath gu bheil mi ag obair anns an roinn seo.





Tuesday, 6 March 2012

GHA is Gàidhlig - Pàirt a dhà!

A rèir litir a fhuair mi ann an Dùbhlachd, 's urrainn do luchd-gabhaltais aig Corporaid Taigheadais Ghlaschu (GHA) Gàidhlig chleachdadh mar phàirt an sgèama Happy to Translate. Chan eil poileasaidh Gàidhlig sonraichte aca ge-tà.


Litir do GHA (10.12.2011)

"I would like for you and your own Board Members to consider implementing a Gaelic policy in your organisation. How your initial policy is worded or what aims it has are totally at your discretion; I just feel it is important when planning future strategies for your organisation that you are in a position to spare a thought to how the Gaelic language can play a part in your operations."

Freagairt bho GHA (21.12.2011)

"We are members of Happy to Translate which is an initiative set up to enable tenants and customers of public organisations to communicate either through interpretation or translation as appropriate. We have in place a procedure whereby we have immediate access to a network of interpreters for the required languages. As such it is not our intention at this time to implement a Gaelic specific policy."

Tuesday, 27 September 2011

BBC Alba an-de

Chaidh mi dhan choinneamh aig a' BhBC a-raoir ri buill aig Glasgow's Gaelic Meetup. Rinn sibh deuchainn air larach-lin ur 'learngaelic.net'. Chlaradh iad e cuideachd is rinn sinn voxpox!


Sunday, 25 September 2011

Co-latha-breith sona dhomh!

Bha co-latha-breith agam air Disathairne sa chaidh. Co-dhiu, fhuair mi surprise mor air oidche Haoine! Chuir mo phiuthar cheildh air doigh partaidh surprise aig Curry Karaoke ri-taobh an Cluidh le a' mhor-chuid an teaghleach agam. As deidh am partaidh, chaidh sinn don flat agamsa airson beagan comhradh is pios ceic is cofaidh. Chord rium gu leor an oidhche seo. Air Disathairne, chaidh mi dhan choinneamh neo-fhoirmeil an sgioba stiuireadh Meetup gun chur Graeme air doigh. Didomhnaich bha mi a' leughadh paipearan son an clas agam 'an leabhar Ghaidhlig'.

Thursday, 22 September 2011

Darna turas aig Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne

Tha mi direach aig taigh-tasgaidh Comhdail is Siubhail na h-Alba son an darna turas agam ann an 3 seachdain!




Sunday, 18 September 2011

An-de

Dhuisg mi trath sa mhadainn agus chaidh mi dhan Sgoil Ghaidhlig Ghlaschu a chur air adhart ar tachartasan son Seachdain nam Meadhanan Soisealta an ath sheachdain. Bhruidhinn mi ri Daibhaidh agus ri Alasdair ann. 'S e tidsear Ghaidhlig a th' ann an Alasdair airson Buidheann Dhisathairne. Bha Daibhaidh a' deanamh ti is cofaidh son na luchd-ionnsachaidh.

As deidh sin, chaidh mi dhan Sraid Earra-Ghaidheall a fhaighinn duaisean son crannchur-gill (raffle) air oidhche Mhairt. Fhuair mi 8-10 duaisean bho na buithtean. Seo liosta air an larach-lin agam: http://smwgla.gaelicglasgow.org.uk


Wednesday, 14 September 2011

Bileagan!

Bha mi gu math trang an-diugh. Bha mi aig coinneamh sa meadhan a' bhaile an uair sin, fhuir mi na bileagan bho Clydeside Press air High Street agus as deidh sin chaidh mi dhan oifisean aig GHA airson foirm iarrtais airson taic airgid airson proiseact ur air an taobh a deas Ghlaschu. Bhruidhinn mi le Sean mu dheidheinn tartan ribbon agus nuair a bha mi air ais dachaigh bha mi ag obair air Facebook agus rinn mi tachartas airson Blasad Gaidhlig madainn Diluain.


Tuesday, 13 September 2011

Seachdain nam Meadhanan Soisealta Ghlaschu agus mi-fhein!

Tha mi ag obair air proiseact ur aig Meetup Gaidhlig Ghlaschu airson Seachdain nam Meadhanan ann an Glaschu. Rinn mi bileag oidhche Dhomhnaich, rinn mi larach-lin airson an tachartasan a-raoir, agus reic mi aite son sanasan air am bileag againn an-diugh. Chaidh mi dhan choinneamh aig Taigh-osda Earra-Ghaidheal le Bobby agus an uair sin le Laurie aig Sutherlands a bhruidhinn mu dheidheinn ar cuirm-ciuil Sing-Up an ath Dhiamairt. Tha coinneamh eile agam a-maireach le Leona bho Fheis nam Meadhanan Cheilteach airson beagan comhairle air camarathan, etc airson livestreaming agus feumaidh mi na bileagan fhoillseachadh. Agus tha coinneamh eile oidhche Ardaoin! Tha mi a' dol a bhi gu math trang...

Seachdain nam Meadhanan Soisealta - Meetup Gaidhlig Ghlaschu - Tachartasan

Social Media Week Glasgow

Sunday, 11 September 2011

Oidhche mhath a bha a-raoir aig Ceol is Craic

Rainig mi beagan fadalach aig cothrom comhraidh agus dh'ionnsaich mi as deidh gun robh fion an-asgaidh aig an toiseach an oidhche... Cha d'fhuir mi glainne!

Och uill, co-dhiu gheibh mi pairt ann an cearcal comhraidh fo stiuriche de Sine aig CnaG. Bha sinn a' bruidhinn mu dheidheinn biadh. Bha clar-bidh sonraichte ann airson Ceol is Craic ach b' e ro fhancaidh air mi shon - dh' ith mi Indian air Rathad an Byre le Gordon ro an seisean.

An uair sin, chunnaic mi fiolm aig Timothy Neil(?) Agus bha ro-radh ann le Timothy co a tha ga dheanamh. B' e Hallaig t' ainm a bh' air le fiolm mu dheidheinn Somhairle Mac Ghill Eathain.

As deidh am fiolm, shuide sinn sios airson bardachd is ceol agus beagan Standup le Carina NicLeoid. Bha orain snog aig Mairi Sine Chaimbeul agus ceol math aig Suzanne, Daibhaidh is Pearlfishers agus na BMX Bandits.

Fhuir mi dachaigh aig uair sa mhadainn. B'  deagh oidhche a bh' ann gu dearbh!









Friday, 29 July 2011

Taighe-seinnse na Pairce

Sgrìobh mi breithneachadh air Taigh-Òsta na Pairce ann am Partaig airson co-fharpais Famous Grouse aig 'The Telegraph':

http://www.telegraph.co.uk/sponsored/foodanddrink/top-100-famous-pubs/8665347/Park-Bar-Glasgow.html

Tha mi a' smaontinn gu bheil e deagh fhollaiseadh airson Farpais-cheist taigh-seinnse sa Ghàidhlig ann an Glaschu.

Tha Meetup Ghàidhlig Ghlaschu agus Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu ag amas air farpais-cheist a chumail an treas Diciadain gach mìos.

Tha an ath fharpais-cheist Oidhche Chiadain 17mh Lùnastal aig 1930. Tha e cosg £2 gach neach a bhith an sàs.

Bhuannaich an sgioba agam aig an fharpais cheist mu dheireadh :) Seo dealbh:


Thursday, 28 July 2011

Feasgar an-de

Cha robh fios agam gun robh Alasdair agus Rosemary ann an Glaschu an-dè agus bha mi aig an aon àite!

http://parlamaidalba.wordpress.com/2011/07/28/tha-e-math-a-bhith-a%e2%80%99-bruidhinn/

Co-dhiù, tha mi a' smaointinn gun do rinn mi dealbh nas fhèarr ;) Dè ur beachd?


Wednesday, 27 July 2011

Clas comhraidh a-nochd

Tha mi aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu airson clasaichean còmhraidh ach 's e latha brèagha a th' ann. Chan eil mi cinnteach cia mheud duine bidh an seo a-nochd...