Thursday 11 October 2012

Cà bheil Gàidhlig aig a' Mhòid Nàiseanta Rioghail 2012 ann an Dùn Omhain?


 Chunnaic mi ceist air Facebook sa mhadainn a dh'fhaighneachd mi an-uiridh aig àm na Mòd ann an Steòrnabhagh agus chuir mi e a-mach a-rithist an-diugh:

Have you seen the logo for the Royal National Mòd in Dunoon 2012? Am faca tu an dealbh airson a' Mhòid Nàiseanta Rioghail ann an Dùn Omhain 2012?

Chan eil ach 2 duine ga faicinn! Agus thuirt tè eile: "Chunnaic mi an Logo. Ciamar a litrich tu 'Earra Gaidheal' a-rithist?" Freagairt mi: "Le a sràc?" Agus thug mi freagairt air ais nach robh 'h' ann cuideachd! Faic seo:
"Earra Ghaideal" an àite "Earra Ghàidheal"
Ach as-dèidh sin, lorg mi airson làrach-lìn. Agus tha fear ann! Cha b' urrainn dhomh tuigsinn carson nach eil obair a chuir an làrach-lìn air adhart. Ach an uair sin, bha mi nam bheachd-sa nach robh e rud dona air sgàth nach robh ach aon duilleag sa Ghàidhlig air an làrach-lìn. Chleachd an comataidh buidheann gun eòlas ann an làrach-lìn da-chànanach. 'S fheudar dhomh faighneachd carson!
Mar buail, sgrìobh mi Tweet agus sgrìobh mi post-dealain chun an rùnaire. Rinn mi lethbhreac na ceistean do Bhòrd na Gàidhlig cuideachd airson am beachd aca-san cuideachd. Tha mi a' feitheamh an-drasda airson freagairtean air ais.

Chuir mi drannd air Twitter

Is it good enough to have only 1 page of on the DunoonMòd2012 official site? Comments to the secretary

Litir don a' Mhòid 


A charaid chòir,

Chunnaic mi an làrach-lìn agaibh an-diugh airson a' chiad thuras agus tha mi mi-thoilichte leis.

cha robh ach aon duilleag ann an Gàidhlig, agus nach eil e soilleir gu bheil e ann. 'S e dìreach ceangal a th' ann!

Thagh sibh "Pam Forsyth Web Design" a dhèanamh an làrach-lìn agaibh. Thug mi sùil air an cùram-roinne aig am buidheann seo, agus chan fhaca mi aon làrach-lìn a bha ann an Gàidhlig no a bha dèante ann an dòigh da-chànanach.


  1. Carson a rogh sibh am buidheann seo o chionn buidheann aig a bheil Gàidhlig?
  2. Carson nach robh làrach-lìn da-chànanach pàirt na cùmhnant eadar sibhse agus "Pam Forsyth Web Design"?
  3. Nach eil poileasaidh dà-chànanach no poileasaidh Gàidhlig aig Dunoon Mod 2012?
  4. A bheil ùidh aig Dunoon Mod 2012 a chur Gàidhlig air adhart no a bheil ùidh ann dìreach a' chùmail a' dol a' Mhòd ann an dòigh Beurla?
Tha mi a' gabhail sùil air adhart airson freagairt bhuatsa.

Le deagh dhùrachdan,

Seumaidh


1 comment:

  1. Abair mìorbhail a bhith agam air ais agus feumaidh mi an fhianais mhòr seo a cho-roinn ... tha mi dìreach airson taing a thoirt don Dr.Wealthy airson ùine a ghabhail gus mo chuideachadh a ’tilgeil an gheasaibh a tha {a-nis an duine agam}, a chaill ùidh annam gu h-obann às deidh sia mìosan de ghealladh, ach an-diugh tha sinn pòsta agus tha sinn nas toilichte na cha robh mi a-riamh roimhe, tha mi gu math gann de dh ’fhaclan agus de thoileachas, agus chan eil fhios agam dè an luach a tha mi a’ sealltainn dhut. Dr.Wealthy you are a God air a chuir air falbh gus càirdeas briste a thoirt air ais. tha e a ’còrdadh gu mòr ri bhith a’ cuideachadh dhaoine le bhith a ’coileanadh an ana-miannan, a’ lorg fìor ghràdh, a ’faighinn an cuid leannanan air ais, a’ stad dàimhean ana-cainteach, a ’lorg soirbheachas, a’ tàladh sonas, a ’lorg companaich anam agus barrachd, cuir fios thuige an-diugh. agus leig leis sealltainn dhut iongantasan agus iongnadh an t-Siostam Litreachaidh Gràidh aige. Bidh e a ’lìbhrigeadh thoraidhean aig a’ char as fheàrr ann an tilgeadh litreachaidh fìor, cuir post-d thuige airson cuideachadh air wealthylovespell@gmail.com no faodaidh tu cuideachd fios a chuir thuige air +2348105150446.

    ReplyDelete