Sunday, 18 December 2011

A-raoir aig Nollaig, Karaoke is Ceilidh le Gaelic Glasgow

Chord a-raoir rium gu leor. `S e oidhche mhath a bh' ann. Thoisich sinn le Karaoke sa Ghaidhlig. Rinn mi lethbhreac an orain air YouTube bho Bun Sgoil Steornabhagh "measgadaich 80's" ach cha d' obrachadh e gle mhath! Duilich! Rinn sinn mi e fichead mhionaid mus do dh' fhag mi am flat agam.

Co-dhiu, chleachd sinn an Karaoke DVD "Sinn thu Fhein" le MiLC is Proiseact nan Eilean, agus dh' obrach e gle mhath tha mi toilichte a radh! Ge-ta, nuair a chleachd sinn an DVD an-uiridh lorg sinn nach robh e furasta airson a' seinn, ach am-bliadhna-seo lorg sinn gun robh e math agus sheinn sinn 4 no 5 nan orain! Tha sinn a' dol air adhart leis a' Ghaidhlig :-D Moran taing do Gerry airson a' deanamh a' chiad Oran an oidhche!

As deidh sin, sheinn sinn orain Nollaig sa Bheurla. Fairy Tale of New York (tha beagan Gaeilige ann) agus orain eile san DVD. An uair sin rinn mi a' chiad 'Crannchur-gill Nollaig'. Fhuair sinn moran duaisean bho companaidhean agus luchd-ionnsachaidh Ghaidhlig. Bha e gu math overwhelming a dh` fhaicinn an taic seo airson ar buidheann beag ann an Glaschu. Gu pearsanta, bu toil leam ag radh moran moran taing dhuibh uile. Rinn sibh torr luchd-ionnsachaidh Ghaidhlig uabhasach toilichte a-raoir :-)

Thug Ridseart pios bardachd ann an Gaeilige a bha gu math inntineach - sgeul air Chriosdadh is Nollaig ge-ta cha tug mi moran! Chluich Craig na pioban agus chluich Catriona am fidhle-mor...i.e. the guitar! Agus sheinn Tony orain ur le Gaidhlig "Cearr" 'S e oran sporsail a bh' ann, gu dearbh!

Rinn sinn an raffle agus dh'ith sinn capearaiche (pieces) agus an uair sinn rinn sinn ceilidh dannsa.

Cha cuimhne agam a h-uile dad a thachairt an-drasta, ach rinn mi bhideoathan agus ni mi film goirid son am buidheann choinneachadh.

Moran taing do Hayley is Louise airson a' chuir air doigh an tachartas seo agus do Lindsay airson do chuideachadh air an oidhche :-)

PS - a Mgr Ghlaschu, tapadh leat airson dedication an oran, ach chan eil thu mo type ;-) lol




Saturday, 10 December 2011

GHA is Gàidhlig - Siuthad fhèin!

Bha mi toilichte a ghahhail pàirt ann an adhartachadh de Glasgow Gold [Glaschu Òir] aig GHA (Glasgow Housing Association) [Corporaid Taigheadais Ghlaschu] ann an Damhair am-bliadhna-seo.
A rèir làrach-lìn aig Corporaid Taigheadais Ghlaschu cha robh Gàidhlig aig an eagrachas seo mus do sgrìobh i an t-alt. Air 10.12.11, lorg mi neoini innteart fo 'Gàidhlig' agus 4 innteartan fo 'Gaelic':
  1. 21.06.11 - GHA Press [pìos air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu]
  2. 02.11.11 - Tenants go for Gold with GHA [“As they say in Gaelic, moran taing airson ur cuideachaidh – many thanks for your help!”]
  3. 28.02.11 - The Census [“For the first time, householders will be able to fill in their census questionnaire online in English or Gaelic.”]
  4. 10.2011 - The Key, October 2011 [studying Gaelic at Glasgow University, benefited from a Glasgow Gold. Education grant. He said: “I get a 10-week travel pass through Glasgow Gold. ...]

Aig an àm a tha an làthair, tha mi an dòchas gu bheil seo deagh chùl-taic a thoisich cleachdadh na Gàidhlig ann an Corporaid Taigheadais Ghlaschu.


An-diugh, sgrìobh mi litir do Bòrd aig Corporaid Taigheadais Ghlaschu a dh'iarr air a chruthachadh poileasaidh Gàidhlig. Tha fiughair orm ris an fhreagairt aca.

Tuesday, 6 December 2011

Ann an Dun Eideann am feasgar seo

Bha buidheann thar-phartaidh air Gaidhlig ann aig Parlamaid na h-Alba agus bha mi ann ag eisteachd. Ro-laimh, ghabh mi cuppa cofaidh le Anna, Marc is Coinneach.

Anns a' choinneamh bha Carole Henderson bho Gaelic Discrimination ann agus thug i taisbeanachd air taic dhaibhsan le 'feumalachdan sonraichte' ann an co-theacsa Foghlam Tron Meadhanan Ghaidhlig. Bha an taisbeanadh aice gle inntineach agus sgriobhaidh am buidheann do ministairean agus buird slainte a thaobh a trioblaid. Bidh pios air An La agus an naidheachdan Gaidhlig a-maireach, gun teagamh. Seo dealbh de Carole aig a' Pharlamaid ri-taobh craobh na Nollaig.

Rinn Iain Macleoid, An Comunn Gaidhealach, taisbeanadh cuideachd air "Gaidhlig sna h-Eileanan an Iar". Tha beachdan inntineach cuideachd. Tha e airson cleachdadh na Gaidhlig air feadh na h-Eileanan an Iar ann an coinneamhean poblach agus bu toil le iad faicinn mar aite UNESCO.

Bha mi toilichte gun robh moran Gaidhlig a' cleachdadh aig a coinneamh seo agus bha serbheis ann airson eadar-theangadhadh mar aon airson duine gun (moran) Gaidhlig.

As deidh an coinneamh, bha mi a` bruidhinn ri Carole agus a parantan a bha ann cuideachd a thoirt taic do Charole.



Tuesday, 29 November 2011

Mo-vember san t-Samhain aig Oilthigh Ghlaschu!

Tha mi a' faicinn moran duine aig Oilthigh Ghlaschu le stais orra! Lorg mi gur e Mo-vember a th' ann an am mios seo. 'S e iomairt a th' ann airson carthannas air feadh an RA.

Tha da dhuine aig 'Roinn' na Gaidhlig is Ceiltis a' gabhail pairt comhla ri oileanaich is luchd-obrach eile. Seo Michel Byrne is Nicola Carty (Soillse) san dealbh seo.

Tha Nicola aig ceann an liosta airson compairtaiche an iomairt. Carson nach eil gabh taic oirre a leantainn a bhi sna priomh aite! Seo ceangal: uk.movember.com/mospace/2158370/

An uiridh rinn Seumas MacPharlan an aon rud agus rinn e torr airgead airson an catharnnas seo cuideachd.


Wednesday, 23 November 2011

Oidean Ghàidhlig, luchd-taic cànain is misneachd

Tha mi air faicinn fàsmhorachd fhallain ann an oidean (no mar a chuala mi o chionn goirid ‘tutaran’) Ghàidhlig. Mar eisimpleir tha Ùlpan ann an inbhe mhath am-bliadhna. ’S e rud a th’ ann uabhasach math, ach tha an t-eagal orm! Às dèidh dà bhliadhna ag obair aig clasaichean còmhraidh ann an Ghlaschu, ’s urrainn dhomh fianais thoir gu dìth misneachd ann an iomadh dhiubh. Bidh iad a’ feitheamh air fònaig airson obair sam bith. Chan eil mòran dhuibh dealasach a bhith beagan tionnsgainneach. Bho m' fhèin-fhiosrachadh chan eil air sgàth nach eil iad ag’ iarraidh a bhith nas spreigearra ach air sgàth gu bheil feum aca air mar a tha e comasach a bhith entrepreneur. Mar sin, rinn Meetup Gàidhlig Ghlaschu agus Buidheann Disathairne (Glaschu) iarrtais a-steach do Colmcille a thòisich air pròiseact ùr a thoirt oidean brosnachadh. Tha mi an dòchas gum bi an iarrtais soirbheas!


Air facal eile, leugh mi mu dìth luchd-taic cànain ann an Alba (‘Mind your languages’, Metro; ‘Rabhadh mu ghainnead luchd-taic cànain’, BBC Naidheachd: 14.11.2011). A-rithist, bha an t-eagal orm. Dh’ ionnsaich mi-fhèin Fraingis is Ghearmailt deichead air ais agus tha fios agam gur e mòran duine a th’ ann sa roinn Eòrpa a' bruidhinn Gàidhlig. 'S docha ’s e oileanaich no luchd-taic cànain a th’ ann an dùthchannan eile a tha dèonach ag obair ann an Alba leis a’ Gàidhlig? Mar eisimpleir: ann an clasaichean Fraingis tron Gàidhlig, clasaichean Gearmailtis tron Gàidhlig agus fiù’s Gàidhlig a-mhàin – nach robh cùrsaichean ann airson luchd-teagaisg Èireannach a thiginn a-nall?). B' urrainn dhuinn taic is seirbheisean aig Alliance Française no Goethe Institut cleachdadh agus taic bho Chomhairle Bhreatannaich cuideachd. Bha neach-taic cànain agam nuair a bha mi aig sgoil – Florence. Thoisich i iomlaid-‘penpal’ agus sgrìobh mi do Laëtitia. Dh’fhàs sinn mòr aig a chèile agus mu deich bliadhna air ais chaidh mi air a’ bhanais aice. ’S e caraid a th’ annam fhathast agus bidh mi a’ dol gu a cuirm-bhliadhnail aice ann am Màrt. Tha luchd-taic cànain math airson cùisean dhùthchannan cèin! ’S docha ‘s e sin deagh adhbhar eile a thoirt mòran dhuibh do Alba.

Saturday, 12 November 2011

Latha sonraichte!

B' e latha sonraichte a bh' ann an-diugh.

Dhuisg mi trath sa mhadainn is chaidh mi gu Dun Eideann comhla ri buidheann beag bho air feadh na h-Alba: bho Dhun De, Peairt, Fiobha, Siorrachd Air agus Glaschu.

Chuala sinn comhradh eadar Ruairaidh MacIlleathain agus Sean Batty, fear an tide aig STV. Chord e rium oir bha e gu math inntineach. An uair sin, thoisich coinneamh choitcheann bhliadhnail. Aig taghaidhean a' bhuird fhuair mi ainmeachaidh airson a' tighinn air a' bhord - air a mholadh le M Bauer le taic bho F. Rennie.

Chuir mi air doigh turas Parlamaid na h-Alba, ach chan urrainn dhomh a dhol. Tha mi ag iarraidh a thoirt taing do Alasdair, John is Veronika airson an cuideachadh. Nuair an robh iad air an rathad gum Pharlamaid air turas ann an Gaidhlig comhla ri Ann a Leodhas, bha mi ag ithe lon agus as deidh chaidh mi dhan chiad coinneamh agam mar bull aig a' bhuird Chli Gaidhlig. Bha mi toilichte a bhi ann ach bha mi a' fearachdainn gun robh mi ann an spin beag. Thacairt a h-uile rud gle luath. Bha mi taingeil airson taic bho Anna is na buill eile. Tha feum agam fhathast air cothrom to take it all in!

Aig deireadh an coinneamh, chaidh mi is Anna gu Two Thin Laddies airson cothrom comhraidh comhla ri buidheann beag is moran duine eile. Meal do naidheachd Chris. 'S math a rinn thu a' chuir Canan is Ceic air doigh. Bidh cothram comhraidh ann gach seachdain, gach Disathairne, aig 3.30f gu 5f. Bha mi uabhasach impressed! Thoisich an iomairt seo os chionn 6 miosan.

Seo dealbhain agus chuir mi bhideo air mo dhuilleag air Facebook cuideachd - bha Craig a' seinn na pioban beag. Mar as abhaist, chluich e math.

Moran taing do a h-uile duine a ghabh pairt anns an latha sonraichte seo!







Wednesday, 19 October 2011

Gearan mu Leabhraichean Gàidhlig - Rant on Gaelic Books

Why is it I can buy a book that's over 100 years old really easily from the Internet, and I can't buy a modern book - that I need to read for my degree - anywhere in the world? Why aren't Gaelic books available to download to my Kindle? Get it sorted!!!